: Pepper&Carrot Episode 16 [gd] Eapasod 16: Seanair na beinne --- Page 01 Cha bhruidhinn mise riutha, a Pheabar. Cròch Buidseachas BÙIDSEAR 15 13 Rathad na Rèile GRUAGAIRE Glug Glug ★ ★ ★ ★ --- Page 02 Gu pearsanta, cha dèan mi eadragainn fiù ’s mas e às leth caraid a th’ ann. Cha do dh’èirich ach am beud às a-riamh. Feumaidh tu fhèin an làimhseachadh. C-cuidich mi, a Chròch... Chan fhaigh mi ionnsachadh o na bana-ghoistidhean, cha dèan iad dad ach an taigh agam dhaib’ fhèin ’s gearan mu ’n cnàmhan cràidhteach ’s èigheachd orm ge b’ e dè nì mi... Èist rium, ’s e bana-bhuidseach a th’ annad, giùlain thu fhèin mar tè! Mar nighean mhòr! Innis dhaibh sùil mun t-sròn! A bheil thu cinnteach nach urrainn dhut tighinn a-null agus mo chuideachadh ach am bruidhninn riutha... ? Iochd! Thèid mi ann còmhla riut ma-thà a bhruidhinn riutha mu dhèidhinn. --- Page 03 Dè tha thu a’ ciallachadh nach eil thu ag ionnsachadh dad?! Agus chan eil thu fiù ’s dàna gu leòr fhèin gus seo dh’innse dhuinn?! Mura robh mo dhruim a’ gabhail rium, bheirinn an deagh-ionnsachadh dhut! Agus chan ann sa bhuidseachas, ’eil thu agam?! A Thìom, air do shocair Tha iad ceart... bìog bìog bìog bìog bìog bìog bìog bìog bìog bìog BEUM! --- Page 04 Chan eil sinn cho òg mar a bh’ àbhaist agus seo deagh àm oideachaidh. Mholainnsa gun coinnicheadh iad ri Hè hè! An Seanair! Nach eil iad ro òg ach an tuigeadh iad oideachadh-san? Ro òg airson dè!? Tèid sinn ann! “Sinne”? Seadh, seadh, seo an t-àite dhuibh! Leigidh mi leibh fhèin an aithne a chur air an t-Seanair. Lorgaidh sibh air bàrr an t-slèibh seo e. ’Eil sibh deiseil airson ionnsachadh ceart? Seanair na Beinne Tha a chomhairle riatanach... --- Page 05 Deiseil! Is deònach! Taghta! Sin an dòigh! IONNSAIGH !!! Ui... UILEBHEIST! ’S e RIBE a th’ ann ! Nach robh mi ’n dùil air sin !! Gu sealladh sealbh orm ! Dèanaibh às ! --- Page 06 GRAVITAS SPIRALIS ! BRASERO INTENSIA ! Splais! À, seo dhut òigridh an latha an-diugh ’s miann ionnsaighe orra an-còmhnaidh! Abair oideachadh craicte! Ceadachas: Creative Commons Attribution 4.0, Bathar-bog: Krita, Blender, G'MIC, Inkscape air Ubuntu Stèidhichte air saoghal Hereva a chaidh a chruthachadh le David Revoy le taic o Craig Maloney. Ceartachadh le Willem Sonke, Moini, Hali, CGand ’s Alex Gryson. Neach-- Deireadh na sgeòil - 04/2016 – www.peppercarrot.com – Obair-ealain ⁊ sgeulachd: David Revoy – Eadar-theangachadh: GunChleoc Mur eil an latha a’ dol leibh, ’s fheàirrde sibh amar a ghabhail! Tha e maothach dh’ ar lòinidh ’s ur leithean. ’S e oideachadh an t-Seanair gun dèan sibh na nì esan! --- Page 07 Tha Pepper&Carrot saor is le tùs fosgailte air fad agus ’ga sponsaireadh le taic nan leughadairean. Mòran taing dhan 671 pàtran a thug taic dhan eapasod seo: ’S urrainn dhut dol ’nad phàtran Pepper&Carrot cuideachd air www.patreon.com/davidrevoy