- Jinn an t-soirbheis
- Chan eil a dhìth ach ainm-sgrìobhte beag bìodach aig bonn na sgrìobhainne seo agus fosglaidh doras a’ chliùtha dhuibh!
- Peabar
- Fuirich diog.
- An ann air an dearbh uair a bhios an lionn-dubh orm gu dona gun tuit thu às na speuran le fuasgladh mìorbhaileach air na duilgheadasan agam uile?!
- Dè tha air cùl an Deus ex machina a tha seo?! Dhomhsa dheth, tha coltas amharasach air; glè amharasach!
- Trobhad, a Churrain. ’S dòcha gun obraicheadh a leithid a char seo oirnn uair ach chan eil sinn cho gòrach tuilleadh ’s gun gabhadh ar mealladh leis an fhoill seo.