- Peabar
- Ach... ’Eil chuimhn’ a’m air...
- Fuaim
- Fuiss
- Peabar
- Sin e! Sa chaibideal “Geasan millidh”, tha Tìom a’ moladh gum feuchte riutha ann am meanbh-chruinne. Ach seall air a’ phailteas dhe rabhaidhean seo:
- Thà...
- Sgrìobhte
- “NA CAITH do Rèatha uile gu lèir le cruthachadh a’ mheanbh-chruinne.”
- Peabar
- Gu dearbh.
- Sgrìobhte
- “NA DOIR dad air ais leat air adhbhar tèarainteachd.”
- Peabar
- Na can rium!
- Seo dhut a-nise!
- Sgrìobhte
- “NA BI AN DÙIL air taic sam bith o thaobh a-muigh a’ mheanbh-chruinne... ...chan fhaic duine sam bith dè bhios tu ris!”
- Peabar
- Nach fhaic? Duine sam bith!? Tha sin foirfe! Siuthadamaid ma-thà!
- Fuaim
- SiiING
- SIUUuuump!!
- Carabhaidh
- An e siud Peabar a’ cruthachadh meanbh-chruinne?
- Tìom
- Glè mhath! Tha mi ’n dòchas gun do thuig i na rabhaidhean uile a sgrìobh mi sa chaibideal mu na “Geasan millidh”.
- Sgrìobhte
- Am Pàipear Mòr