- Costag
- Fhios agaibh... Bha mi a’ smaoineachadh air an tèarainteachd a-rithist...
- Chaidh grunn rìghrean ’s banrighrean a mharbhadh rè deas-ghnàth a’ chrùnaidh. Seo pàirt de dh’eachdraidh mo theaghlaich.
- Agus a-nis, an ceann beagan uairean a thìde, thig mìltean de dh’aoighean o fheadh an t-saoghail ’s bi mise aig cridhe an aire. Tha an t-eagal mòr mòr orm!
- Peabar
- Na gabh dragh, a Chostag. Tha plana againn. Bidh Sidimi ’s mi fhìn ’nar lèintean-crios dhut mar a gheall sinn!
- Sidimi
- Sin dìreach Air do shocair is smaoinich air rudeigin eile an-dràsta.
- Costag
- Ceart ma-thà.
- Nise! Nach seall mi an innleadaireachd as ùire agam dhuibh?
- Tàillear
- ...
- Costag
- Tha e shìos an staidhre sa cheàrdach agam. Leanaibh orm.