: Pepper&Carrot Episode 27 [gd] Eapasod 27: Innleadaireachd Chostag --- Page 01 Neach-Àird Acainn air an fheasgar A’ Bhana-phrionnsa Chostag... Feuchaibh nach gluais sibh cus! Feuchaidh, feuchaidh... Tha an ùine a’ ruith oirnn ’s chan eil ach trì uairean a thìde air fhàgail mus tòisich ur crùnadh. ... CRÙNADH A MÒRACHD BÀNRIGH CHOSTAG Translate “Her Majesty’s Coronation” and “Queen Coriander” on the banner on the building (in the middle). The other text boxes will update automatically (they are clones). NOTE FOR TRANSLATORS You can strech the scroll and translate “Qualicity” to “City of Qualicity”. NOTE FOR TRANSLATORS --- Page 02 Fhios agaibh... Bha mi a’ smaoineachadh air an tèarainteachd a-rithist... Chaidh grunn rìghrean ’s banrighrean a mharbhadh rè deas-ghnàth a’ chrùnaidh. Seo pàirt de dh’eachdraidh mo theaghlaich. Agus a-nis, an ceann beagan uairean a thìde, thig mìltean de dh’aoighean o fheadh an t-saoghail ’s bi mise aig cridhe an aire. Na gabh dragh, a Chostag. Tha an t-eagal mòr mòr orm! Tha plana againn. Bidh Sidimi ’s mi fhìn ’nar lèintean-crios dhut mar a gheall sinn! Sin dìreach Air do shocair is smaoinich air rudeigin eile an-dràsta. Ceart ma-thà. Nise! Nach seall mi an innleadaireachd as ùire agam dhuibh? ... Tha e shìos an staidhre sa cheàrdach agam. Leanaibh orm. --- Page 03 Tuigidh sibh a dh’aithghearr carson a bu mhiann leam am fear ùr seo a thogail. Tha e co-cheangailte ris an dragh agam mun chrùnadh. Seo dhuibh an innleadaireachd as ùire agam... Bot-leigheas-Shin thu a shaoghail. Bot-leigheas-Is mise am BOT-LEIGHEAS-INNTINN agaibh blìob bliùb Bot-leigheas-Sìnibh air an langasaid agam airson sgrùdaidh an-asgaidh. Briog! Gnogag! --- Page 04 Nise, dè ur beachd? Am bu toigh leibh fheuchainn? Bath. Chan eil feum air dhomhsa. Tha m’ inntinn slàn fallain nowhitespace DÈ ’N DONAS A THA CEÀRR AIR AN ROBOTAIR AGAD?! Duilich! Tha buga aige nach deach leam fuasgladh fhathast. Sadaidh e gath-dealain nuair a mhothaicheas e do bhreug. Breug?! Ach cha do dh’innis mi breug a-RIAMH ri m’ bheò ! CHAN EIL... SEO... ÈIBHINN!!! nowhitespace nowhitespace nowhitespace !nowhitespace D nowhitespace nowhitespace nowhitespace !nowhitespace --- Page 05 Èibhinn? Chan eil idir! Duilich. Hè hè! Tha sin fìor! Chan eil seo èibhinn air dòigh sam bith! Ha... Ha... Hà. THOD! Tha deise an deas-ghnàith millte! Bidh boile air an tàillear agam! A dhroch-robotair! Càirichidh mi am buga ort ’s gu buan! STAD!!! D nowhitespace nowhitespace nowhitespace !nowhitespace --- Page 06 Tha beachd agam air dòigh sa chuireas sinn am buga seo gu feum. Tiong! Neach-Air an oidhche... A Pheabar, nach tusa a tha glic! Ach chan eil idir. ’S ann agadsa a bha an innleadaireachd! Bot-leigheas-An ath-neach. Bot-leigheas-Fàilte oirbh, Bot-leigheas-a bheil murt fainear dhuibh a-nochd? Neach-Ri leantainn... D nowhitespace nowhitespace nowhitespace !nowhitespace CRÙNADH A MÒRACHD BÀNRIGH CHOSTAG --- Page 07 ’S urrainn dhut dol ’nad phàtran Pepper&Carrot cuideachd is chì thu d’ àinm an-seo! Tha Pepper&Carrot saor is le tùs fosgailte air fad agus ’ga sponsaireadh le taic nan leughadairean. Mòran taing dhan 1060 pàtran a thug taic dhan eapasod seo! Tadhail air www.peppercarrot.com airson barrachd fiosrachaidh! Tha sinn air Patreon, Tipeee, PayPal, Liberapay...’s a bharrachd! Mòran taing! An robh fios agad? 31mh dhen Dàmhair 2018 Obair-ealain ⁊ sgeulachd: David Revoy. Leughadairean Beta: Amyspark, Butterfly, Bhoren, CalimeroTeknik, Craig Maloney, Gleki Arxokuna, Imsesaok, Jookia, Martin Disch, Midgard, Nicolas Artance, uncle Night, ValVin, xHire, Zveryok. Tionndadh Gàidhlig Eadar-theangachadh: GunChleoc. Stèidhichte air saoghal Hereva Air a chruthachadh le: David Revoy. Prìomh neach-glèidhidh: Craig Maloney. Sgrìobhadairean: Craig Maloney, Nartance, Scribblemaniac, Valvin. Ceartachadh: Willem Sonke, Moini, Hali, CGand, Alex Gryson. Bathar-bog: Krita 4.2-dev, Inkscape 0.92.3 air Kubuntu 18.04. Ceadachas: Creative Commons Attribution 4.0. www.peppercarrot.com NOTE FOR TRANSLATORS Replace this section, e.g.: French version Translation: My Name. Proofreading: Other Name. You can also translate this page if you want. Beta readers help with the story, proofreaders give feedback about the text.