: Pepper&Carrot Episode 34 [gd]

 

Eapasod 34: Ceumnachadh Sidimi

--- Page 01

Neach-Air an dearbh oidhche…
…agus le sin bheir sinn fàilte ort a-nochd, a Shidsimi, ’nad Bhan-ridire Achd as òige.
A bheil sgeul air Peabar fhathast?
Chan eil fhathast.
Mura cuir i greas oirre, caillidh i òraid Sidimi.
Mòran taing.
Bu toigh l’…

--- Page 02

Fru nowhitespace
Fruuu ui S nowhitespace
A’ tighinn!
Thoiribh an aire!
AN AIRE!!!
SA I D E !nowhitespace
H-opag!
’Eil sibh ceart gu leòr? Gun chnàmhan briste?
A Pheabar!
Sin thu fhèin, a Shidimi!
Gabh mo leisgeul gun dàinig mi a-steach le fruis is anmoch!
Tha mi air mo dheann-ruith fad an latha, ach sin sgeulachd eile.
Dear translator: if editing the soundFX is difficult, I made a special documentation here: https://www.peppercarrot.com/en/static14/documentation&page=055_Sound-Effect_translation

--- Page 03

An e tè de na h-aoighean agad-sa a th’ innte?
’S e. Seo mo charaid Peabar. Na gabhaibh dragh.
A Churrain, a bheil thu gu math?
Tha mi duilich mun landadh, feumaidh mi ionnsachadh fhathast air far-luaths.
A-rithist, gabhaibh mo leisgeul airson na trioblaide,
agus a thaobh m’ èididh…
tì hì
A Shidimi,
a’ bhana-bhuidseach òg a tha air a tighinn, an e caraid dhut a th’ innte ann an da-rìribh ?

--- Page 04

’S e, a Mhòrachd.
’S e Peabar an t-ainm a th’ oirre is buinidh i do Sgoil na Dubh-choimeasgachd.
Tha a làthaireachd a’ truailleadh naomhachd ar sgoile.
Gun cuireadh tu a-mach à mo shealladh i gun dàil.
Ach…
A’ bhana-mhaighstir Raidis…
B’ àill leat?
Am b’ fheàrr leat gun rachadh d’ fhògradh on sgoil againn?
! ! !nowhitespace

--- Page 05

Tha mi duilich, a Pheabar, ach feumaidh tu falbh.
Làrach nam bonn.
Gu dè?
Dad thusa! Air do shocair ort! Feumaidh gur e mì-thuigse a th’ ann.
A Pheabar a charaid, na dèan cùis dhuilich dheth.
Haoigh! Sibhse, air a’ chathair ud. Ma tha duilgheadas agaibh leam, a-nuas leibh is innsibh fhèin dhomh e!
Tsss…
A Shidimi, tha deich diogan agad…
a naoi…
a h-ochd…
a seachd…
FÒGHNAIDH NA DH’FHÒGHNAS, A PHEABAR! THALLA!!!
SRRIiii!

--- Page 06

A Shidimi, gabh air do shoc…
B ADuuM!nowhitespace
THALLA!!!
THALLA!!!
THALLA!!!
C R E E E E E! !!nowhitespace
Oit!
Nise! Chan… eil SEO… Aobh… Càilear!
A SHIDSIMI! A PHEABAR! SGUIRIBH DHETH!
Fuirich ort.
An-dà…
Grrr!
Mas e sin na dh’iarras tu!
B R Si UU!!nowhitespace

--- Page 07

MIONNUS DUBHÀSARE MAXIMUS!!!
B R R AAG!nowhitespace
Oit!
PAIS!!nowhitespace
Cha doir an dubhadh às as fheàrr a th’ agad buaidh orm-sa!
Gèill, a Pheabar, is thalla!
Gun sguirinn do ghoirteachadh!
’S ann gun deach leis an dubhadh às ceart gu leòr ach cha b’ e tusa an t-amas.
Gu dè?
Cò air a tha thu a-mach?!

--- Page 08

?!!
B’ i se an t-amas!
Dhubh mi às a geas glàmair a chumas coltas òg oirre.
Mhothaich mi dhan gheas sin cho luath ’s a ràinig mi.
Nise, cha do chuir mi ach blasad beag oirbh de na tha sibh airidh air on a thug sibh air Sidimi sabaid ’nam aghaidh!
ABAIR UABHAR!
Ciamar a dhùraig thu
’s air beulaibh na sgoil gu lèir agam!
Cha chreid mi nach eil sibh fortanach!
Nan robh mo Rèatha slàn annam, chan fhòghnadh sin dhomh.

--- Page 09

DR S UBH!!nowhitespace
Tha mi a’ tuigsinn. Ràinig thu ìre do shinnsearan mòran nas luaithe na bha mi ’n dùil…
Cuiridh sin greasad air a’ phlana agam ach ’s fhiach.
Plana, an e?
’S ann nach robh sibh ach airson deuchainn a chur orm is nach robh mo mhaille ’na h-adhbhar idir?
Abair car claon!
tì…
hì.
DÈ THA SIBH UILE A’ COIMHEAD AIR?!
THA MI AIR IONNSAIGH FHULANG IS CHA DÈAN SIBHSE DAD ACH SEASAMH AIR UR N-AIS!! GLACAIBH I!!!
THA MI ’GA H-IARRAIDH BEÒ!
GLACAIBH I!!!
A Shidsimi, bruidhnidh sinn mu dhèidhinn uaireigin eile!
Tha mi duilich, a Churrain, ach tha am far-luaths ’ga èigneachadh oirnn a-rithist.
Glac mi teann!
Gnog!
Gnog!
Frruu iS!!nowhitespace

--- Page 10

? !nowhitespace
GLACAIBH I!!
Obh obh.
A Pheabar, gabh mo sguab-sa!
Fisss!
A shaoghail!
Mòran taing, a Chròch!
Poc!
Fruu U U U iS!nowhitespace
Neach-RI LEANTAINN…

--- Page 11

31ad dhen Mhàrt, 2021 Obair-ealain ⁊ sgeulachd: David Revoy. Leughadairean Beta: Arlo James Barnes, Carotte, Craig Maloney, Efrat b, GunChleoc, Karl Ove Hufthammer, Martin Disch, Nicolas Artance, Parnikkapore, Valvin. Tionndadh Gàidhlig Eadar-theangachadh: GunChleoc. Taing shònraichte: do Nartance a chuir sùil air pearsa Raidis sna nobhailean ficsean luchd-leantainn aige. Thug an dòigh a bheachdaich e oirre buaidh mhòr air mar a chuir mi an cèill i san eapasod seo. Stèidhichte air saoghal Hereva Air a chruthachadh le: David Revoy. Prìomh neach-glèidhidh: Craig Maloney. Sgrìobhadairean: Craig Maloney, Nartance, Scribblemaniac, Valvin. Ceartachadh: Willem Sonke, Moini, Hali, CGand, Alex Gryson. Bathar-bog: Krita 4.4.1, Inkscape 1.0.2 air Kubuntu Linux 20.04. Ceadachas: Creative Commons Attribution 4.0. www.peppercarrot.com
An robh fios agad?
Tha Pepper&Carrot saor is le tùs fosgailte air fad agus ’ga sponsaireadh le taic nan leughadairean.
Mòran taing dhan 1096 pàtran a thug taic dhan eapasod seo!
’S urrainn dhut dol ’nad phàtran Pepper&Carrot cuideachd is chì thu d’ àinm an-seo!
Tha sinn air Patreon, Tipeee, PayPal, Liberapay...’s a bharrachd!
Tadhail air www.peppercarrot.com airson barrachd fiosrachaidh!
Mòran taing!
You can also translate this page if you want.
NOTE FOR TRANSLATORS Replace this section, e.g.: French version Translation: My Name. Proofreading: Other Name.
Beta readers help with the story, proofreaders give feedback about the text.