A Pheabar, tha thu buadhach gun teagamh ach chan eil iar-theachd-aiche eile againn. ’S ann oirnne a tha an t-uallach gun dèanamaid bana-bhuidseach mhosach cheart na Dubh-choimeasgachd dhiot.
Peabar
Ach... cha toigh leam a bhith mosach! Tha ... tha sin calg-dhìreach an aghaidh gach...
Cìob
IST do BHEUL !
... no bheir sinn gach cumhachd uat! Agus thèid thu ’nad dhìlleachdan Ceann na Feòraige gòrach mar a b’ àbhaist.
Tìom
Cumaidh Carabhaidh sùil ort o seo a-mach airson d’ oideachadh agus innsidh i dhuinn mu d’ adhartas.
Fuaim
Uspag!
Carabhaidh
Ta-daaa!
Carabhaidh
Tha rìgh ùr Acrain ro chaoimhneil ceanalta leis na h-ìochdarain aige. Feumaidh an t-eagal a bhith aig an t-sluagh air an rìgh.
’S e a’ chiad dleastanas agad gun lorg thu an rìgh ’s gun dèan thu smàdadh air ach am biodh tu ri brath-foill air gun duilgheadas an uairsin.
Bheir bana-bhuidseach cheart na Dubh-choimeasgachd buaidh air an fheadhainn chumhachdach!
Peabar
An rìgh ?... ... cho òg sin ?!
Feumaidh gu bheil sinn ’nar co-aoisean ...
Carabhaidh
Dè ’n dàil a th’ ort ?! Greas ort! Dùisg e, bagair e, thoir an t-eagal air !
Fuaim
Srad
Peabar
An dithis againn, tha sinn caran coltach ri chèile ...
òg ... aonarach ... ... prìosanaich ar dàin.
Fuaim
Brag!
Peabar
?!
Fuaim
Lasss !
Tìom
A’ chiad deuchainn: Dh’FHÀILLIG i gu lèir! Tha tòrr obrach romhainn a Pheabar ...
Neach-aithris
- Deireadh na sgeòil -
Urram
09/2015 – Obair-ealain ⁊ sgeulachd: David Revoy – Eadar-theangachadh: GunChleoc
Urram
Tha Pepper&Carrot saor is le tùs fosgailte air fad agus ’ga sponsaireadh le taic nan leughadairean. Mòran taing dhan 502 pàtran a thug taic dhan eapasod seo:
’S urrainn dhut dol ’nad phàtran Pepper&Carrot cuideachd airson an ath-eapasod air https://www.patreon.com/davidrevoy
Ceadachas : Creative Commons Attribution 4.0 Bun-tùs : ri fhaighinn air www.peppercarrot.com Bathar-bog : chaidh 100% dhen eapasod seo a tharraing le bathar-bog saor Krita 2.9.7, G'MIC 1.6.5.2, Inkscape 0.91 air Linux Mint 17