Cìob: Deochan-gàire. Deochan an fhalt-fhàis mhòir. Deochan builgein-tùid. Deochan “cho sona ri luchag an lofa”. Deochan toite .... ... gun ainmeachadh ach air cuid bheag dhiubh!. Peabar: Seadh seadh, tha fhios ’am: “Cha-chruthaicheadh-bana-bhuidseach-cheart-na-Dubh-choimeasgachd-deochan-dhen-leithid”.. Fuaim: Gliong Glang Gloing. Cìob: Sin dìreach. ’S mar bu chòir.. Feumaidh mi togail orm gu fhèill Chomona a-nis. Gun rachadh a h-uile càil seo à sealladh mus till mi; cha bhiodh e math nan lorgadh amadain bheaga e a chluicheadh leis..
Peabar: A-mach à sealladh? Furasta! Hò-rò!. Fuaim: Fruuuis !. Peabar: Murt!. Adhlachadh ?! Ach bheir seo tòrr ùine ’s na doir guth air na fuileanan a bhios oirnn mus bi sinn deiseil leis!. Fuaim: Poc.
Peabar: “Agus na cleachd draoidheachd air dòigh sam bith. Cha chleachd bana-bhuidseach cheart na Dubh-choimeasgachd draoidheachd airson dreuchd an latha.”. Grrr !. A CHURRAIN! Faigh lorg leabhar a seachd na Dubh-choimeasgachd: “Raointean cumhachd-talmhainn” ... gun dàil!. Seallaidh mi dhan fheannag theagmhail a tha seo dè th’ ann am bana-bhuidseach cheart na Dubh-choimeasgachd!. Fuaim: Tom Tom.
Peabar: GURGES ATER!. Fuaim: FRUUuuBhuuuuuu. Cìob: ... Toll Dubh-choimeasgach?! .... Peabar: ?!. Cìob: ... An e seo mar a thuigeas tusa “na cleachd draoidheachd”?. Peabar: ... Haoigh ... Nach robh dol dhan fhèill fainear dhuibh ?. Cìob: ’S cinnteach nach robh! ’S bha mi ceart cuideachd; tha e do-dhèanta d’ fhàgail ’nad aonar ’s gun sùil a chumail ort fad na h-ùine!.
Fuaim: Aouuaouaouaou. Cìob: ... Coimhead air seo. Chan fhoghainn an tomad! Tha diofarail an raoin iom-tharraing lag! Tha fiù ’s a’ chuairt chearcallach sheasmhach as dlùithe ro bheag!. Fuaim: Beum. Aouuaouuaouu. Cìob: Agus seo dhut: Mairidh cha mhòr a h-uile càil air fleod ’s e ga tharraing dha chuairtean seasmhach no puingean Lagrange Rinneadh oir thachartasan dìreach beagan nas motha a chùis!. Curran: ?!.
Peabar: !!!. Cìob: !!!. MIONNUS DUBHÀSARE MAXIMUS!. Fuaim: Brrag!. Neach-aithris: - Deireadh na sgeòil -. Urram: 10/2015 – Obair-ealain ⁊ sgeulachd: David Revoy – Eadar-theangachadh: GunChleoc.
Urram: Tha Pepper&Carrot saor is le tùs fosgailte air fad agus ’ga sponsaireadh le taic nan leughadairean. Mòran taing dhan 575 pàtran a thug taic dhan eapasod seo:. ’S urrainn dhut dol ’nad phàtran Pepper&Carrot cuideachd airson an ath-eapasod air https://www.patreon.com/davidrevoy. Ceadachas : Creative Commons Attribution 4.0 Bun-tùs : ri fhaighinn air www.peppercarrot.com Bathar-bog : chaidh 100% dhen eapasod seo a tharraing le bathar-bog saor Krita 2.9.8, Inkscape 0.91, Blender 2.71, GIMP 2.8.14, G'MIC 1.6.7 air Linux Mint 17.2.