Sgrìobhte: ★ ★ ★ ★. Cròch Buidseachas. 13. BÙIDSEAR. 15. GRUAGAIRE. Rathad na Rèile. Cròch: Cha bhruidhinn mise riutha, a Pheabar.. Fuaim: Glug Glug.
Cròch: Feumaidh tu fhèin an làimhseachadh. Gu pearsanta, cha dèan mi eadragainn fiù ’s mas e às leth caraid a th’ ann. Cha do dh’èirich ach am beud às a-riamh.. Peabar: C-cuidich mi, a Chròch.... Chan fhaigh mi ionnsachadh o na bana-ghoistidhean, cha dèan iad dad ach an taigh agam dhaib’ fhèin ’s gearan mu ’n cnàmhan cràidhteach ’s èigheachd orm ge b’ e dè nì mi ... A bheil thu cinnteach nach urrainn dhut tighinn a-null agus mo chuideachadh ach am bruidhninn riutha ... ?. Cròch: Èist rium, ’s e bana-bhuidseach a th’ annad, giùlain thu fhèin mar tè! Innis dhaibh sùil mun t-sròn! Mar nighean mhòr!. Iochd! Thèid mi ann còmhla riut ma-thà a bhruidhinn riutha mu dhèidhinn..
Tìom: Dè tha thu a’ ciallachadh nach eil thu ag ionnsachadh dad?!. Eun: bìog bìog. bìog bìog. bìog bìog. bìog bìog. bìog bìog. Tìom: Agus chan eil thu fiù ’s dàna gu leòr fhèin gus seo dh’innse dhuinn?!. Fuaim: BEUM!. Tìom: Mura robh mo dhruim a’ gabhail rium, bheirinn an deagh-ionnsachadh dhut! Agus chan ann sa bhuidseachas, ’eil thu agam?!. Cìob: A Thìom, air do shocair Tha iad ceart ....
Cìob: Chan eil sinn cho òg mar a bh’ àbhaist agus seo deagh àm oideachaidh. Mholainnsa gun coinnicheadh iad ri Seanair na Beinne Tha a chomhairle riatanach .... Tìom: Hè hè! An Seanair! Nach eil iad ro òg ach an tuigeadh iad oideachadh-san?. Peabar: Ro òg airson dè!? Tèid sinn ann!. Cròch: “Sinne”?. Tìom: Seadh, seadh, seo an t-àite dhuibh! Leigidh mi leibh fhèin an aithne a chur air an t-Seanair. Lorgaidh sibh air bàrr an t-slèibh seo e.. ’Eil sibh deiseil airson ionnsachadh ceart?.
Peabar: Deiseil!. Cròch: Is deònach!. Tìom: Taghta! Sin an dòigh!. Dèanaibh às !. Peabar: Gu sealladh sealbh orm !. Cròch: Ui... UILEBHEIST!. Peabar: Nach robh mi ’n dùil air sin !! ’S e RIBE a th’ ann ! IONNSAIGH !!!.
Peabar: GRAVITAS SPIRALIS !. Cròch: BRASERO INTENSIA !. Fuaim: Splais!. Tìom: À, seo dhut òigridh an latha an-diugh ’s miann ionnsaighe orra an-còmhnaidh! ’S e oideachadh an t-Seanair gun dèan sibh na nì esan! Mur eil an latha a’ dol leibh, ’s fheàirrde sibh amar a ghabhail! Tha e maothach dh’ ar lòinidh ’s ur leithean.. Peabar: Abair oideachadh craicte!. Neach-aithris: - Deireadh na sgeòil -. Urram: 04/2016 – www.peppercarrot.com – Obair-ealain ⁊ sgeulachd: David Revoy – Eadar-theangachadh: GunChleoc. Stèidhichte air saoghal Hereva a chaidh a chruthachadh le David Revoy le taic o Craig Maloney. Ceartachadh le Willem Sonke, Moini, Hali, CGand ’s Alex Gryson.. Ceadachas: Creative Commons Attribution 4.0, Bathar-bog: Krita, Blender, G'MIC, Inkscape air Ubuntu.
Urram: Tha Pepper&Carrot saor is le tùs fosgailte air fad agus ’ga sponsaireadh le taic nan leughadairean. Mòran taing dhan 671 pàtran a thug taic dhan eapasod seo:. ’S urrainn dhut dol ’nad phàtran Pepper&Carrot cuideachd air www.patreon.com/davidrevoy.