Feumaidh tu fhèin an làimhseachadh. Gu pearsanta, cha dèan mi eadragainn fiù ’s mas e às leth caraid a th’ ann. Cha do dh’èirich ach am beud às a-riamh.
Peabar
C-cuidich mi, a Chròch...
Chan fhaigh mi ionnsachadh o na bana-ghoistidhean, cha dèan iad dad ach an taigh agam dhaib’ fhèin ’s gearan mu ’n cnàmhan cràidhteach ’s èigheachd orm ge b’ e dè nì mi ... A bheil thu cinnteach nach urrainn dhut tighinn a-null agus mo chuideachadh ach am bruidhninn riutha ... ?
Cròch
Èist rium, ’s e bana-bhuidseach a th’ annad, giùlain thu fhèin mar tè! Innis dhaibh sùil mun t-sròn! Mar nighean mhòr!
Iochd! Thèid mi ann còmhla riut ma-thà a bhruidhinn riutha mu dhèidhinn.
Tìom
Dè tha thu a’ ciallachadh nach eil thu ag ionnsachadh dad?!
Eun
bìog bìog
bìog bìog
bìog bìog
bìog bìog
bìog bìog
Tìom
Agus chan eil thu fiù ’s dàna gu leòr fhèin gus seo dh’innse dhuinn?!
Fuaim
BEUM!
Tìom
Mura robh mo dhruim a’ gabhail rium, bheirinn an deagh-ionnsachadh dhut! Agus chan ann sa bhuidseachas, ’eil thu agam?!
Cìob
A Thìom, air do shocair Tha iad ceart ...
Cìob
Chan eil sinn cho òg mar a bh’ àbhaist agus seo deagh àm oideachaidh. Mholainnsa gun coinnicheadh iad ri Seanair na Beinne Tha a chomhairle riatanach ...
Tìom
Hè hè! An Seanair! Nach eil iad ro òg ach an tuigeadh iad oideachadh-san?
Peabar
Ro òg airson dè!? Tèid sinn ann!
Cròch
“Sinne”?
Tìom
Seadh, seadh, seo an t-àite dhuibh! Leigidh mi leibh fhèin an aithne a chur air an t-Seanair. Lorgaidh sibh air bàrr an t-slèibh seo e.
’Eil sibh deiseil airson ionnsachadh ceart?
Peabar
Deiseil!
Cròch
Is deònach!
Tìom
Taghta! Sin an dòigh!
Dèanaibh às !
Peabar
Gu sealladh sealbh orm !
Cròch
Ui... UILEBHEIST!
Peabar
Nach robh mi ’n dùil air sin !! ’S e RIBE a th’ ann ! IONNSAIGH !!!
Peabar
GRAVITAS SPIRALIS !
Cròch
BRASERO INTENSIA !
Fuaim
Splais!
Tìom
À, seo dhut òigridh an latha an-diugh ’s miann ionnsaighe orra an-còmhnaidh! ’S e oideachadh an t-Seanair gun dèan sibh na nì esan! Mur eil an latha a’ dol leibh, ’s fheàirrde sibh amar a ghabhail! Tha e maothach dh’ ar lòinidh ’s ur leithean.
Stèidhichte air saoghal Hereva a chaidh a chruthachadh le David Revoy le taic o Craig Maloney. Ceartachadh le Willem Sonke, Moini, Hali, CGand ’s Alex Gryson.
Tha Pepper&Carrot saor is le tùs fosgailte air fad agus ’ga sponsaireadh le taic nan leughadairean. Mòran taing dhan 671 pàtran a thug taic dhan eapasod seo:
’S urrainn dhut dol ’nad phàtran Pepper&Carrot cuideachd air www.patreon.com/davidrevoy