Cìob: Tha mi a’ dol a-steach. Chan fhiach coimhead ort a’ cladhadh ... Adhlaic dhomh na deochan seo uile a dh’fhairtlich ort is thig a-steach cho luath ’s as urrainn dhut ach am faigh thu beagan fois.. Ar leam chan e ach miann ro-dhòchasach a th’ ann gun rachadh leat a-màireach, ach cò aig’ a tha fios!. Peabar: Tha mi agaibh, greas orm! Ach eadar dà sgeul, dè as adhbhar gun adhlaic sinn a h-uile càil ? Nach biodh e na b’ fheàrr nan .... Cìob: B’ ÀILL leat?.
Peabar: An-dà... Uill, chan e eòlaiche a th’ annam idir... Ach tha na glasraich ann an trum neònach am bliadhna agus tha dòigh an-àbhaisteach air tòrr lus eile timcheall air an taigh.. Sgrìobhte: Tomàto. Aubergine. Peabar: Mar a tha air na seanganan, dè fo na gealaichean a tha iadsan ris?. Mar sin dheth ... Cha chreid mi nach eil duilgheadas beag bìodach le truailleadh againn ’s bu chòir dhuinn beachdachadh air beagan glanaidh .... Cìob: A nighean-uasal “Mhill-mi-deoch-sam-bith-a-riamh”, nach ann ortsa a tha an ceann mòr is fasan na Clann-fhlùrachd ort.. San Dubh-choimeasgachd, ’s ann gun adhlaic sinn ar mearachdan!! Bu sin ar dualchas o chian nan cian agus chan eil diù a’ choin agam air dè shaoileas MATHAIR NÀDAIR mu dhèidhinn! Dùin do ghob is CLADHAICH!!.
Peabar: ’s ann gun adhlaic sinn ar mearachdan. sin ar dualchas. o chian nan cian. THA E AGAM!. Curran: Srann. Peabar: Siuthad nas luaithe a Churrain!.
Peabar: “A ghille dhuinn uasail an fhuilt dhualaich!”. "... mo bhruadair Dhubh-choimeasgaich!". “... Is tusa fear-clis dubh m’ eantropaidh.”. Abair bàrdachd, a bhean-uasal Chìob! Nach iongantach dè ghabhas ionnsachadh mu bhana-bhuidsichean a dh’adhlaiceas na mearachdan aca uile!. Sgrìobhte: Leabhar-latha prìobhaideach Cìoba.
Cìob: Chan eil tè beò nach do dh’fhairtlich oirre a-riamh. Cha mhise a’ Chìob a sgrìobh sin tuilleadh. Cha deach an leabhar-latha seo adhlacadh gun adhbhar.. Peabar: .... Tha mi a’ tuigsinn! Ach dè ur beachd air an leabhar seo ma-thà. Sgrìobhte: COIMEASGA SUTRA le Tìom. Tìom: Chan e seo ach mearachd m’ òige agus chan eil e iomchaidh dha d’ aois air dòigh sam bith!. Peabar: Cò shaoileadh... Tha mi agaibh.... Cha chuir gin sam bith dheth nàire oirbh idir....
Peabar: Ach an àrainneachd! An nàdar! Chan urrainn dhuinn cumail oirnn ris an truailleadh oir ’s daor a’ cheannachd a bhios againn air!!. Cìob: Cha do dh’adhbh-raich e trioblaid sam bith oirnn gu ruige seo! ’S e bana-bhuidsichean na Dubh-choimeasgachd a th’ annainn ’s thèid ar duilgheadasan adhlacadh gu domhainn! Na biodh deasbad againn mun dualchas!. Carabhaidh: Saoil dè lorg mi! Cha chreid mi e!. Gu duda a dh’fhàg e shìos an-seo?. Bidh e feumach air beagan gleusaidh ach tha e ag obair fhathast..
Carabhaidh: Dè bh’ ann a-rithist? “Hogainn dùbh-ò-choimeasgachd?”. Haha, dhìochuimhnich mi na faclan! Saoil a bheil leabhar nan òran agam am badeigin cuideachd.... Cìob: ...nise, tha sinn uile air aontachadh. Ùrachadh air riaghailtean na Dubh-choimeasgachd: O seo a-mach, nì sinn seòrsachadh, pronnadh ’s ath-chuairteachadh air a h-uile càil! A h-UILE CÀIL!!. Sgrìobhte: glainne. meatailt. Neach-aithris: - Deireadh na sgeòil -. Urram: 09/2016 – www.peppercarrot.com – Obair-ealain ⁊ sgeulachd: David Revoy – Eadar-theangachadh: GunChleoc. Dotair sgriobtaichean: Craig Maloney. Ceartachadh is taic leis na còmhraidhean: Valvin, Seblediacre ’s Alex Gryson. Brosnachadh: "The book of secrets" le Juan José Segura. Stèidhichte air saoghal Hereva a chaidh a chruthachadh le David Revoy le taic o Craig Maloney. Ceartachadh le Willem Sonke, Moini, Hali, CGand ’s Alex Gryson.. Ceadachas : Creative Commons Attribution 4.0, Bathar-bog: Krita 3.0.1, Inkscape 0.91 air Arch Linux XFCE.
Urram: Tha Pepper&Carrot saor is le tùs fosgailte air fad agus ’ga sponsaireadh le taic nan leughadairean. Mòran taing dhan 755 pàtran a thug taic dhan eapasod seo:. ’S urrainn dhut dol ’nad phàtran Pepper&Carrot cuideachd air www.patreon.com/davidrevoy.