Tha mi a’ dol a-steach. Chan fhiach coimhead ort a’ cladhadh ... Adhlaic dhomh na deochan seo uile a dh’fhairtlich ort is thig a-steach cho luath ’s as urrainn dhut ach am faigh thu beagan fois.
Ar leam chan e ach miann ro-dhòchasach a th’ ann gun rachadh leat a-màireach, ach cò aig’ a tha fios!
Peabar
Tha mi agaibh, greas orm! Ach eadar dà sgeul, dè as adhbhar gun adhlaic sinn a h-uile càil ? Nach biodh e na b’ fheàrr nan ...
Cìob
B’ ÀILL leat?
Peabar
An-dà... Uill, chan e eòlaiche a th’ annam idir... Ach tha na glasraich ann an trum neònach am bliadhna agus tha dòigh an-àbhaisteach air tòrr lus eile timcheall air an taigh.
Sgrìobhte
Tomàto
Aubergine
Peabar
Mar a tha air na seanganan, dè fo na gealaichean a tha iadsan ris?
Mar sin dheth ... Cha chreid mi nach eil duilgheadas beag bìodach le truailleadh againn ’s bu chòir dhuinn beachdachadh air beagan glanaidh ...
Cìob
A nighean-uasal “Mhill-mi-deoch-sam-bith-a-riamh”, nach ann ortsa a tha an ceann mòr is fasan na Clann-fhlùrachd ort.
San Dubh-choimeasgachd, ’s ann gun adhlaic sinn ar mearachdan!! Bu sin ar dualchas o chian nan cian agus chan eil diù a’ choin agam air dè shaoileas MATHAIR NÀDAIR mu dhèidhinn! Dùin do ghob is CLADHAICH!!
Peabar
’s ann gun adhlaic sinn ar mearachdan
sin ar dualchas
o chian nan cian
THA E AGAM!
Curran
Srann
Peabar
Siuthad nas luaithe a Churrain!
Peabar
“A ghille dhuinn uasail an fhuilt dhualaich!”
"... mo bhruadair Dhubh-choimeasgaich!"
“... Is tusa fear-clis dubh m’ eantropaidh.”
Abair bàrdachd, a bhean-uasal Chìob! Nach iongantach dè ghabhas ionnsachadh mu bhana-bhuidsichean a dh’adhlaiceas na mearachdan aca uile!
Sgrìobhte
Leabhar-latha prìobhaideach Cìoba
Cìob
Chan eil tè beò nach do dh’fhairtlich oirre a-riamh. Cha mhise a’ Chìob a sgrìobh sin tuilleadh. Cha deach an leabhar-latha seo adhlacadh gun adhbhar.
Peabar
...
Tha mi a’ tuigsinn! Ach dè ur beachd air an leabhar seo ma-thà
Sgrìobhte
COIMEASGA SUTRA le Tìom
Tìom
Chan e seo ach mearachd m’ òige agus chan eil e iomchaidh dha d’ aois air dòigh sam bith!
Peabar
Cò shaoileadh... Tha mi agaibh...
Cha chuir gin sam bith dheth nàire oirbh idir...
Peabar
Ach an àrainneachd! An nàdar! Chan urrainn dhuinn cumail oirnn ris an truailleadh oir ’s daor a’ cheannachd a bhios againn air!!
Cìob
Cha do dh’adhbh-raich e trioblaid sam bith oirnn gu ruige seo! ’S e bana-bhuidsichean na Dubh-choimeasgachd a th’ annainn ’s thèid ar duilgheadasan adhlacadh gu domhainn! Na biodh deasbad againn mun dualchas!
Carabhaidh
Saoil dè lorg mi! Cha chreid mi e!
Gu duda a dh’fhàg e shìos an-seo?
Bidh e feumach air beagan gleusaidh ach tha e ag obair fhathast.
Carabhaidh
Dè bh’ ann a-rithist? “Hogainn dùbh-ò-choimeasgachd?”
Haha, dhìochuimhnich mi na faclan! Saoil a bheil leabhar nan òran agam am badeigin cuideachd...
Cìob
...nise, tha sinn uile air aontachadh. Ùrachadh air riaghailtean na Dubh-choimeasgachd: O seo a-mach, nì sinn seòrsachadh, pronnadh ’s ath-chuairteachadh air a h-uile càil! A h-UILE CÀIL!!
Dotair sgriobtaichean: Craig Maloney. Ceartachadh is taic leis na còmhraidhean: Valvin, Seblediacre ’s Alex Gryson. Brosnachadh: "The book of secrets" le Juan José Segura
Stèidhichte air saoghal Hereva a chaidh a chruthachadh le David Revoy le taic o Craig Maloney. Ceartachadh le Willem Sonke, Moini, Hali, CGand ’s Alex Gryson.
Ceadachas : Creative Commons Attribution 4.0, Bathar-bog: Krita 3.0.1, Inkscape 0.91 air Arch Linux XFCE
Urram
Tha Pepper&Carrot saor is le tùs fosgailte air fad agus ’ga sponsaireadh le taic nan leughadairean. Mòran taing dhan 755 pàtran a thug taic dhan eapasod seo:
’S urrainn dhut dol ’nad phàtran Pepper&Carrot cuideachd air www.patreon.com/davidrevoy