Sgrìobhte: On a tha fèill mhòr air Tha Baile Chomona a’ toirt dhuibh Farpais buidseachais. 50 000Co de dhuais. Air a’ chleas-bhuidseachais as iongantaiche! 150Co aig an doras Raon-spòrs mòr cuibhrichte ùr Chomona Là na Sabaid Aig 10 uairean mocheirigh. CUIREADH SÒNRAICHTE. Peabar: Tha mi deiseil! Tiugainn, a Churrain!.
Peabar: A bheil sibh fhathast cinnteach nach dig sibh còmhla rinn?. Cìob: Tha. ’S e draoidheachd a bhios sinn ris san Dubh-choimeasgachd seach faoin-chleasan dhan mhòr-shluagh.. Sgrìobhte: AM PÀIPEAR MÒR. THA DEAS-GHNÀTH FOSGLAIDH AIR RAON-SPÒRS ÙR CHOMONA AN-DIUGH. THA DRAGH AIR LUCHD-CÒMHNAIDH MU CHÌSEAN. CHAN EIL TICEAD AIR FHÀGAIL: ’S CINNTEACH GUN SOIRBHICH LEIS!. AN-SHOCAIR PHOILITIGEACH ANN AN TÌR AN ACHD. THA 80% DHE NA SGÌREAN FO BHUAIDH AIRGEADRA ACHD. THA DEAGH LÈIRSINN AGAD. Peabar: Mòran taing gum faod mi pàirt a ghabhail ann! Guidheam gum buannaich mi e! Chì mi air an fheasgar sibh!. Fuaim: splad!. Cìob: ....
Àrd-bhàillidh Chomona: Mar àrd-bhàillidh Chomona, tha mi a’ gairm gu bheil an dàrna co-fharpais buideachais air fhosgladh!. An èisteachd: Clapan. Àrd-bhàillidh Chomona: Tha fios agam gun robh fadachd oirbh ris an tachartas seo! Mòran taing gun dàinig sibh o cheithir rannan ruadha Theireabha ach am fidreadh sibh an sàr-raon-spòrs mòr cuibhrichte ùr againn!. Nise, cuirim ur n-aithne air na co-fharpaisich a bhios againn!. Curran: Srann.... Peabar: A Churrain?! Dè fo na gealaichean?! Dùisg! Tha e air tòiseachadh! ’S a h-uile duine a’ coimhead oirnn!. Fuaim: Brog!.
Àrd-bhàillidh Chomona: Tha i deas-làmhach le draoidheachd ath-bheòthachail na Sòmbaidheachd ’s tha sinn moiteil fàilte a chur air... COSTAG!. An èisteachd: Clapan. Àrd-bhàillidh Chomona: Seo bana-bhuidseach na Clann-fhlùrachd a tha làn-eòlach air rùintean-dìomhair nan lusan ’s nam beathaichean! Cuiribh fàilte air... BUIDHEAG. Agus a-nis, taing do chomasan teicneolach Chomona, seo an t-aon àite air an t-saoghal far am faic sibh.... Fuaim: Flop!. Àrd-bhàillidh Chomona: ...bana-bhuidseach à doimhne na mara a tha ’na maighstir draoidheachd chumhachdach na h-Uisgeachd! MUIRLINN!. Peabar: An Uisgeachd?! An-seo?! Tha sin iongantach!.
Curran: Rrùdail. Peabar: A Churrain! Tha an turas againne a’ tighinn! Dèan foighidinn! Feuch e airson an-diugh!. Àrd-bhàillidh Chomona: Seo bana-bhuidseach an Achd spioradail chràbhaich, tha e ’na thoileachas mòr dhomh gu bheil i ’nar cuideachd an-diugh... SIDIMI!. An èisteachd: Clapan. Peabar: A Churrain! Ri m’ CHOIS!!!.
Àrd-bhàillidh Chomona: Thàinig an t-àm gun ruigeamaid an co-fharpaisiche rùnach seo a nì ràiteachas dhe dhraoidheachd loinnreach na “Magmachd” dhuinn.... Fuaim: Clap!. Àrd-bhàillidh Chomona: Ò! Cò shaoileadh! Seo ise! Cò th’ ann ach... CRÒCH!. Fuaim: Spliut!. Àrd-bhàillidh Chomona: À! Cha chreid mi nach eil duilgheadas aig co-fharpaisiche mu thràth!. An èisteachd: Hà!. Àrd-bhàillidh Chomona: A nighean!! Till dhan àite agad!!. Peabar: A Churrain! Sguir dheth!. Fuaim: Sraon!. Peabar: ?!. Fuaim: Splais!.
Peabar: Hà-hà! Tapadh leat, a Mhuirlinn! ’S tha mi duilich.... Cà ’il thusa a’ dol??! Ri m’ chois LÀRACH NAM BONN!. Àrd-bhàillidh Chomona: Sin sin a-nist! Seo dhuibh an co-fharpaisiche mu dheireadh ma-thà ’s bheir i dhuinn buidseachas... tha... àraid... na Dubh-choimeasgachd... PEABAR!. On a bhuannaich i co-fharpais nan deoch, thairg sinn dreuchd shònraichte dhi!. Peabar: ?!.... Àrd-bhàillidh Chomona: Seo as adhbhar gun.... ... dèid i ’na britheamh!. Fuaim: Beum. An èisteachd: Clapan Clapan Clapan Clapan Clapan. Sgrìobhte: Farpais buidseachais Coiste oifigeil. Peabar: Hò-rò ’s hò-rò eile.. Sgrìobhte: A’ Bhanrigh Àine. Peabar. An Rìgh Reòthach. Neach-aithris: Ri leantainn....
Urram: 02/2017 – www.peppercarrot.com – Obair-ealain ⁊ sgeulachd: David Revoy – Eadar-theangachadh: GunChleoc. Dian-bheachdachadh: Craig Maloney, Quiralta, Nicolas Artance, Talime, Valvin.. Piseach air na còmhraidhean: Craig Maloney, Jookia, Nicolas Artance ’s Valvin.. Taing shònraichte: Sgioba Inkscape ’s Mc gu h-àraid.. Stèidhichte air saoghal Hereva a chaidh a chruthachadh le David Revoy le taic o Craig Maloney. Ceartachadh le Willem Sonke, Moini, Hali, CGand ’s Alex Gryson.. Bathar-bog: Krita 3.2.1, Inkscape 0.91 air Linux Mint 18.1 XFCE. Ceadachas: Creative Commons Attribution 4.0. Tha Pepper&Carrot saor is le tùs fosgailte air fad agus ’ga sponsaireadh le taic nan leughadairean. Mòran taing dhan 816 pàtran a thug taic dhan eapasod seo:. ’S urrainn dhut dol ’nad phàtran Pepper&Carrot cuideachd air www.patreon.com/davidrevoy.