Bann-cinn
Tiotal
Eapasod 21: Co-fharpais nan cleasan-buidseachais
Eadar-theangachadh: GunChleoc.
Eapasod 21: Co-fharpais nan cleasan-buidseachais, Duilleag 1
Sgrìobhte
On a tha fèill mhòr air Tha Baile Chomona a’ toirt dhuibh Farpais buidseachais
50 000Co de dhuais
Air a’ chleas-bhuidseachais as iongantaiche! 150Co aig an doras Raon-spòrs mòr cuibhrichte ùr Chomona Là na Sabaid Aig 10 uairean mocheirigh
CUIREADH SÒNRAICHTE
Peabar
Tha mi deiseil! Tiugainn, a Churrain!
Eapasod 21: Co-fharpais nan cleasan-buidseachais, Duilleag 2
Peabar
A bheil sibh fhathast cinnteach nach dig sibh còmhla rinn?
Cìob
Tha. ’S e draoidheachd a bhios sinn ris san Dubh-choimeasgachd seach faoin-chleasan dhan mhòr-shluagh.
Sgrìobhte
AM PÀIPEAR MÒR
THA DEAS-GHNÀTH FOSGLAIDH AIR RAON-SPÒRS ÙR CHOMONA AN-DIUGH
THA DRAGH AIR LUCHD-CÒMHNAIDH MU CHÌSEAN
CHAN EIL TICEAD AIR FHÀGAIL: ’S CINNTEACH GUN SOIRBHICH LEIS!
AN-SHOCAIR PHOILITIGEACH ANN AN TÌR AN ACHD
THA 80% DHE NA SGÌREAN FO BHUAIDH AIRGEADRA ACHD
THA DEAGH LÈIRSINN AGAD
Peabar
Mòran taing gum faod mi pàirt a ghabhail ann! Guidheam gum buannaich mi e! Chì mi air an fheasgar sibh!
Fuaim
splad!
Cìob
...
Eapasod 21: Co-fharpais nan cleasan-buidseachais, Duilleag 3
Àrd-bhàillidh Chomona
Mar àrd-bhàillidh Chomona, tha mi a’ gairm gu bheil an dàrna co-fharpais buideachais air fhosgladh!
An èisteachd
Clapan
Àrd-bhàillidh Chomona
Tha fios agam gun robh fadachd oirbh ris an tachartas seo! Mòran taing gun dàinig sibh o cheithir rannan ruadha Theireabha ach am fidreadh sibh an sàr-raon-spòrs mòr cuibhrichte ùr againn!
Nise, cuirim ur n-aithne air na co-fharpaisich a bhios againn!
Curran
Srann...
Peabar
A Churrain?! Dè fo na gealaichean?! Dùisg! Tha e air tòiseachadh! ’S a h-uile duine a’ coimhead oirnn!
Fuaim
Brog!
Eapasod 21: Co-fharpais nan cleasan-buidseachais, Duilleag 4
Àrd-bhàillidh Chomona
Tha i deas-làmhach le draoidheachd ath-bheòthachail na Sòmbaidheachd ’s tha sinn moiteil fàilte a chur air... COSTAG!
An èisteachd
Clapan
Àrd-bhàillidh Chomona
Seo bana-bhuidseach na Clann-fhlùrachd a tha làn-eòlach air rùintean-dìomhair nan lusan ’s nam beathaichean! Cuiribh fàilte air... BUIDHEAG
Agus a-nis, taing do chomasan teicneolach Chomona, seo an t-aon àite air an t-saoghal far am faic sibh...
Fuaim
Flop!
Àrd-bhàillidh Chomona
...bana-bhuidseach à doimhne na mara a tha ’na maighstir draoidheachd chumhachdach na h-Uisgeachd! MUIRLINN!
Peabar
An Uisgeachd?! An-seo?! Tha sin iongantach!
Eapasod 21: Co-fharpais nan cleasan-buidseachais, Duilleag 5
Curran
Rrùdail
Peabar
A Churrain! Tha an turas againne a’ tighinn! Dèan foighidinn! Feuch e airson an-diugh!
Àrd-bhàillidh Chomona
Seo bana-bhuidseach an Achd spioradail chràbhaich, tha e ’na thoileachas mòr dhomh gu bheil i ’nar cuideachd an-diugh... SIDIMI!
An èisteachd
Clapan
Peabar
A Churrain! Ri m’ CHOIS!!!
Eapasod 21: Co-fharpais nan cleasan-buidseachais, Duilleag 6
Àrd-bhàillidh Chomona
Thàinig an t-àm gun ruigeamaid an co-fharpaisiche rùnach seo a nì ràiteachas dhe dhraoidheachd loinnreach na “Magmachd” dhuinn...
Fuaim
Clap!
Àrd-bhàillidh Chomona
Ò! Cò shaoileadh! Seo ise! Cò th’ ann ach... CRÒCH!
Fuaim
Spliut!
Àrd-bhàillidh Chomona
À! Cha chreid mi nach eil duilgheadas aig co-fharpaisiche mu thràth!
An èisteachd
Hà!
Àrd-bhàillidh Chomona
A nighean!! Till dhan àite agad!!
Peabar
A Churrain! Sguir dheth!
Fuaim
Sraon!
Peabar
?!
Fuaim
Splais!
Eapasod 21: Co-fharpais nan cleasan-buidseachais, Duilleag 7
Peabar
Hà-hà! Tapadh leat, a Mhuirlinn! ’S tha mi duilich...
Cà ’il thusa a’ dol??! Ri m’ chois LÀRACH NAM BONN!
Àrd-bhàillidh Chomona
Sin sin a-nist! Seo dhuibh an co-fharpaisiche mu dheireadh ma-thà ’s bheir i dhuinn buidseachas... tha... àraid... na Dubh-choimeasgachd... PEABAR!
On a bhuannaich i co-fharpais nan deoch, thairg sinn dreuchd shònraichte dhi!
Peabar
?!...
Àrd-bhàillidh Chomona
Seo as adhbhar gun...
... dèid i ’na britheamh!
Fuaim
Beum
An èisteachd
Clapan Clapan Clapan Clapan Clapan
Sgrìobhte
Farpais buidseachais Coiste oifigeil
Peabar
Hò-rò ’s hò-rò eile.
Sgrìobhte
A’ Bhanrigh Àine
Peabar
An Rìgh Reòthach
Neach-aithris
Ri leantainn...
Eapasod 21: Co-fharpais nan cleasan-buidseachais, Duilleag 8
Urram
02/2017 – www.peppercarrot.com – Obair-ealain ⁊ sgeulachd: David Revoy – Eadar-theangachadh: GunChleoc
Dian-bheachdachadh: Craig Maloney, Quiralta, Nicolas Artance, Talime, Valvin.
Piseach air na còmhraidhean: Craig Maloney, Jookia, Nicolas Artance ’s Valvin.
Taing shònraichte: Sgioba Inkscape ’s Mc gu h-àraid.
Stèidhichte air saoghal Hereva a chaidh a chruthachadh le David Revoy le taic o Craig Maloney. Ceartachadh le Willem Sonke, Moini, Hali, CGand ’s Alex Gryson.
Bathar-bog: Krita 3.2.1, Inkscape 0.91 air Linux Mint 18.1 XFCE
Ceadachas: Creative Commons Attribution 4.0
Tha Pepper&Carrot saor is le tùs fosgailte air fad agus ’ga sponsaireadh le taic nan leughadairean. Mòran taing dhan 816 pàtran a thug taic dhan eapasod seo:
’S urrainn dhut dol ’nad phàtran Pepper&Carrot cuideachd air www.patreon.com/davidrevoy