Àrd-bhàillidh Chomona: Agus taing dha na h-innleadairean seòlta againn, gabhaidh sibh uile pàirt ann cuideachd!. Seo agaibh e, a chàirdean, seallaibh air iongantas an teicneòlais a bheir an luchd-frithealaidh dhuibh!. Bheir am putan uaine puing dha cho-fharpaisiche ’s bheir am putan dearg puing air falbh. Is sibhse a nì an co-dhùnadh!. An cluinn mi ceist mun choiste? Na gabhaibh dragh dheth! Tha adhbhar dhaibh!. Tha uidheam-smachd sònraichte aig gach britheamh agus bheir iad seachad no air falbh ceud phuing leis gach brùthadh!. Peabar: Abair e!.
Àrd-bhàillidh Chomona: Agus an salann sa bhrot – chì sibh na sgòran sa bhad os cionn gach co-fharpaisiche!. Sgrìobhte: 1337. Àrd-bhàillidh Chomona: Leanaidh an triùir a gheibh na sgòran as àirde air adhart dhan chuairt dheireannach!. Cumaibh ’nur n-aire gum faigh an tè a bhuannaicheas duais mhòr dhe... …50,000 Co!. An èisteachd: Clapan.
An èisteachd: Clapan. Curran: Gnogag. Peabar: Abair deagh bheachd, nach e, a Churrain?. Ùr-ghnàthach… Aoibhneil… Fo smachd an t-sluaigh… … seo siostam foirfe!. Chan eil sinn an eisimeil air eòlaichean tuilleadh airson breithneachadh dhuinn dè tha math! Abair adhartas! Abair sàr-linn sa bheil sinn beò!. Àrd-bhàillidh Chomona: A bheil uidheam aig a h-uile duine?. An èisteachd: Sgoinneil!. Tha!. Tha gu dearbh!. Aidh!. Àrd-bhàillidh Chomona: Taghta! Tha an fharpais… air a TÒISEACHADH!!.
Àrd-bhàillidh Chomona: Tòisicheamaid air a’ cho-fharpais le Buidheag!. Fuaim: Diiiuuuu…. Buidheag: SYLVESTRIS!. Fuaim: Beum!. An èisteachd: Gnogag Gnogag Gnogag Gnogag Gnogag Gnogag Gnogag.
Sgrìobhte: 5861. Àrd-bhàillidh Chomona: Fhuair Buidheag sgòr math! ’S e cuairt Shidimi a th’ ann a-nis!. An èisteachd: Clapan. Sidimi: LUX…. Fuaim: Fiiiiiiiss!!. Sidimi: MAXIMA!. An èisteachd: À!!. Aoibh!!. Mo shùilean!!!. Bù! Bùù!. Peabar: A Churrain... thoir òrdag uaine dhi co-dhiù; ’s e ar caraid a th’ innte.... Curran: Gnogag. An èisteachd: Bù! Bùù!. Sgrìobhte: -42. Àrd-bhàillidh Chomona: À, cha chreid mi gun do chuir an taisbeanadh “dealrach” seo an sluagh o mhothachadh! Seo dhuibh Muirlinn a-nis!. An èisteachd: Bùù! Bùù! Bùù! Bù!.
Muirlinn: FUASGLUS KRAKENIS!. Fuaim: Ubhluluuu!. Splaaish!. Sgrìobhte: 6225. Àrd-bhàillidh Chomona: Eireachdail! Cumhachdach! Tha Muirlinn air thoiseach càich! A Chostag, do chuairt-sa a-nis!. Muirlinn ⁊ Sgeach: Pliut. An èisteachd: Clapan. Costag: MORTUS REDITUS!. Fuaim: Grubhuuu!. Sgrìobhte: 2023. Àrd-bhàillidh Chomona: Ò, saoil a bheil cnàimhnich a-mach à fasan? Nise, a Chròch chòir!.
Cròch: Grrr! Chan eil dòigh gun dèid nas miosa leam na le Muirlinn! Nì mi mo dhìcheall!. A dh’astar, a Chè!. Fuaim: Frrruuuis!. Frrruiiis!. Crchh!. Cè: Miamh!. Cròch: SPIRALIS. LASaaaaaaiiiidh!. Fuaim: Frrruuuisss!. Slaiiiighd!. Fisss!. Saidse!. Cròch: ?!!. Fuaim: Fissss!. Fisss!. Cròch: Aoiiibh!!.
Cròch: Iochd... abair tàmailt!. An èisteachd: Clapan. Cròch: ?!. Sgrìobhte: 14 849. Peabar: Gnogag. An Rìgh Reòthach: Gnog Gnog Gnog. Sgrìobhte: 18 231. Àrd-bhàillidh Chomona: Beagan beusachd, a chàirdean! Cha dèid Sidimi no Costag dhan ath-chuairt!. Thèid Buidheag, Muirlinn agus Cròch dhan chuairt dheireannach!.
Àrd-bhàillidh Chomona: A chlann-nighean, a bheil sibh deis airson dùbhlan eile?. Siuthadaibh!. Sgrìobhte: 15 703. 19 863. 13 614. An èisteachd: Clapan. Fuaim: Brag!. Peabar: Thèid mi às àicheadh air na thuirt mi mun t-siostam seo cheana.... An Rìgh Reòthach: Gnog Gnog Gnog. Neach-aithris: - Deireadh na sgeòil -.
Urram: 05/2017 – www.peppercarrot.com – Obair-ealain ⁊ sgeulachd: David Revoy – Eadar-theangachadh: GunChleoc. Piseach air na còmhraidhean: Nicolas Artance, Valvin, Craig Maloney.. Stèidhichte air saoghal Hereva a chaidh a chruthachadh le David Revoy le taic o Craig Maloney. Ceartachadh le Willem Sonke, Moini, Hali, CGand ’s Alex Gryson.. Bathar-bog : Krita 3.1.3, Inkscape 0.92.1 air Linux Mint 18.1. Ceadachas : Creative Commons Attribution 4.0. Tha Pepper&Carrot saor is le tùs fosgailte air fad agus ’ga sponsaireadh le taic nan leughadairean. Mòran taing dhan 864 pàtran a thug taic dhan eapasod seo:. ’S urrainn dhut dol ’nad phàtran Pepper&Carrot cuideachd air www.patreon.com/davidrevoy.