Bann-cinn
Tiotal
Eapasod 22: An siostam bhòtaidh
Eadar-theangachadh: GunChleoc.
Eapasod 22: An siostam bhòtaidh, Duilleag 1
Àrd-bhàillidh Chomona
’S urrainn dhan fharpais bhuidseachais mhòr againn tòiseachadh mu dheireadh thall!
Sgrìobhte
Farpais buidseachais
Eapasod 22: An siostam bhòtaidh, Duilleag 2
Àrd-bhàillidh Chomona
Agus taing dha na h-innleadairean seòlta againn, gabhaidh sibh uile pàirt ann cuideachd!
Seo agaibh e, a chàirdean, seallaibh air iongantas an teicneòlais a bheir an luchd-frithealaidh dhuibh!
Bheir am putan uaine puing dha cho-fharpaisiche ’s bheir am putan dearg puing air falbh. Is sibhse a nì an co-dhùnadh!
An cluinn mi ceist mun choiste? Na gabhaibh dragh dheth! Tha adhbhar dhaibh!
Tha uidheam-smachd sònraichte aig gach britheamh agus bheir iad seachad no air falbh ceud phuing leis gach brùthadh!
Peabar
Abair e!
Eapasod 22: An siostam bhòtaidh, Duilleag 3
Àrd-bhàillidh Chomona
Agus an salann sa bhrot – chì sibh na sgòran sa bhad os cionn gach co-fharpaisiche!
Sgrìobhte
1337
Àrd-bhàillidh Chomona
Leanaidh an triùir a gheibh na sgòran as àirde air adhart dhan chuairt dheireannach!
Cumaibh ’nur n-aire gum faigh an tè a bhuannaicheas duais mhòr dhe... …50,000 Co!
An èisteachd
Clapan
Eapasod 22: An siostam bhòtaidh, Duilleag 4
An èisteachd
Clapan
Curran
Gnogag
Peabar
Abair deagh bheachd, nach e, a Churrain?
Ùr-ghnàthach… Aoibhneil… Fo smachd an t-sluaigh… … seo siostam foirfe!
Chan eil sinn an eisimeil air eòlaichean tuilleadh airson breithneachadh dhuinn dè tha math! Abair adhartas! Abair sàr-linn sa bheil sinn beò!
Àrd-bhàillidh Chomona
A bheil uidheam aig a h-uile duine?
An èisteachd
Sgoinneil!
Tha!
Tha gu dearbh!
Aidh!
Àrd-bhàillidh Chomona
Taghta! Tha an fharpais… air a TÒISEACHADH!!
Eapasod 22: An siostam bhòtaidh, Duilleag 5
Àrd-bhàillidh Chomona
Tòisicheamaid air a’ cho-fharpais le Buidheag!
Fuaim
Diiiuuuu…
Buidheag
SYLVESTRIS!
Fuaim
Beum!
An èisteachd
Gnogag Gnogag Gnogag Gnogag Gnogag Gnogag Gnogag
Eapasod 22: An siostam bhòtaidh, Duilleag 6
Sgrìobhte
5861
Àrd-bhàillidh Chomona
Fhuair Buidheag sgòr math! ’S e cuairt Shidimi a th’ ann a-nis!
An èisteachd
Clapan
Sidimi
LUX…
Fuaim
Fiiiiiiiss!!
Sidimi
MAXIMA!
An èisteachd
À!!
Aoibh!!
Mo shùilean!!!
Bù! Bùù!
Peabar
A Churrain... thoir òrdag uaine dhi co-dhiù; ’s e ar caraid a th’ innte...
Curran
Gnogag
An èisteachd
Bù! Bùù!
Sgrìobhte
-42
Àrd-bhàillidh Chomona
À, cha chreid mi gun do chuir an taisbeanadh “dealrach” seo an sluagh o mhothachadh! Seo dhuibh Muirlinn a-nis!
An èisteachd
Bùù! Bùù! Bùù! Bù!
Eapasod 22: An siostam bhòtaidh, Duilleag 7
Muirlinn
FUASGLUS KRAKENIS!
Fuaim
Ubhluluuu!
Splaaish!
Sgrìobhte
6225
Àrd-bhàillidh Chomona
Eireachdail! Cumhachdach! Tha Muirlinn air thoiseach càich! A Chostag, do chuairt-sa a-nis!
Muirlinn ⁊ Sgeach
Pliut
An èisteachd
Clapan
Costag
MORTUS REDITUS!
Fuaim
Grubhuuu!
Sgrìobhte
2023
Àrd-bhàillidh Chomona
Ò, saoil a bheil cnàimhnich a-mach à fasan? Nise, a Chròch chòir!
Eapasod 22: An siostam bhòtaidh, Duilleag 8
Cròch
Grrr! Chan eil dòigh gun dèid nas miosa leam na le Muirlinn! Nì mi mo dhìcheall!
A dh’astar, a Chè!
Fuaim
Frrruuuis!
Frrruiiis!
Crchh!
Miamh!
Cròch
SPIRALIS
LASaaaaaaiiiidh!
Fuaim
Frrruuuisss!
Slaiiiighd!
Fisss!
Saidse!
Cròch
?!!
Fuaim
Fissss!
Fisss!
Cròch
Aoiiibh!!
Eapasod 22: An siostam bhòtaidh, Duilleag 9
Cròch
Iochd... abair tàmailt!
An èisteachd
Clapan
Cròch
?!
Sgrìobhte
14 849
Peabar
Gnogag
An Rìgh Reòthach
Gnog Gnog Gnog
Sgrìobhte
18 231
Àrd-bhàillidh Chomona
Beagan beusachd, a chàirdean! Cha dèid Sidimi no Costag dhan ath-chuairt!
Thèid Buidheag, Muirlinn agus Cròch dhan chuairt dheireannach!
Eapasod 22: An siostam bhòtaidh, Duilleag 10
Àrd-bhàillidh Chomona
A chlann-nighean, a bheil sibh deis airson dùbhlan eile?
Siuthadaibh!
Sgrìobhte
15 703
19 863
13 614
An èisteachd
Clapan
Fuaim
Brag!
Peabar
Thèid mi às àicheadh air na thuirt mi mun t-siostam seo cheana...
An Rìgh Reòthach
Gnog Gnog Gnog
Neach-aithris
- Deireadh na sgeòil -
Eapasod 22: An siostam bhòtaidh, Duilleag 11
Urram
05/2017 – www.peppercarrot.com – Obair-ealain ⁊ sgeulachd: David Revoy – Eadar-theangachadh: GunChleoc
Piseach air na còmhraidhean: Nicolas Artance, Valvin, Craig Maloney.
Stèidhichte air saoghal Hereva a chaidh a chruthachadh le David Revoy le taic o Craig Maloney. Ceartachadh le Willem Sonke, Moini, Hali, CGand ’s Alex Gryson.
Bathar-bog : Krita 3.1.3, Inkscape 0.92.1 air Linux Mint 18.1
Ceadachas : Creative Commons Attribution 4.0
Tha Pepper&Carrot saor is le tùs fosgailte air fad agus ’ga sponsaireadh le taic nan leughadairean. Mòran taing dhan 864 pàtran a thug taic dhan eapasod seo:
’S urrainn dhut dol ’nad phàtran Pepper&Carrot cuideachd air www.patreon.com/davidrevoy