Neach-aithris: Fèill Chomona an ath-sheachdain. Sgrìobhte: Cliùiteachd. 50 000 Co. Buaidh Chròch. Fasan. Sealladh air Cròch. Snas. Cròch fon phrosbaig. Fuaim: POC!.
Peabar: Tapadh leat, a Churrain…. Fhios a’d, tha mi ag obair gu cruaidh gach latha ach an rachainn ’nam dheagh bhana-bhuidseach.... ...le spèis air an dualchas is air na riaghailtean... ...chan eil e cothromach gun do choisinn Cròch uiread dhe chliù leis an ro-innleachd a bha seo.. Abair ana-cothrom..
Fuaim: Glung!. Jinn an t-soirbheis: Haoidh! Le ’r leisgeul, innsim dhuibh mu m’ dhèidhinn:. Is mise jinn an t-soirbheis, air mhuinntireas dhuibh fad oidhche ’s latha ’s a h-uile latha dhen t-seachdain!*.
Jinn an t-soirbheis: *Seach deiridhean-seachdain agus saor-làithean poblach. Chan fhaodar an tairgse a chur còmhla ri tairgsean eile. Tha an fhaotainneachd cuingichte a-rèir stoca.. Iomairt margaidh-eachd sa bhad air feadh an t-saoghail!. Cliù eadar-nàiseanta!. A’ gabhail a-staigh stoidhlichean is gruagairean!. Barantas air toraidhean ann am priobadh na sùla!.
Jinn an t-soirbheis: Chan eil a dhìth ach ainm-sgrìobhte beag bìodach aig bonn na sgrìobhainne seo agus fosglaidh doras a’ chliùtha dhuibh!. Peabar: Fuirich diog.. An ann air an dearbh uair a bhios an lionn-dubh orm gu dona gun tuit thu às na speuran le fuasgladh mìorbhaileach air na duilgheadasan agam uile?!. Dè tha air cùl an Deus ex machina a tha seo?! Dhomhsa dheth, tha coltas amharasach air; glè amharasach!. Trobhad, a Churrain. ’S dòcha gun obraicheadh a leithid a char seo oirnn uair ach chan eil sinn cho gòrach tuilleadh ’s gun gabhadh ar mealladh leis an fhoill seo..
Eun: Gag! Gurr-ù! Gurr-ù! Gag!. Peabar: Nise a Churrain, seo nas ciall dha thighinn gu h-inbhe nam bheachd-sa.. Seachain am fuasgladh furasta; thoir meas air luach na spàirne.... ...chan eil ciall sam bith san fharmad air soirbheis chàich!.
Sgrìobhte: Cliùiteachd. 50 000 Co. Buaidh Chròch. Fasan. Sealladh air Cròch. Snas. Cròch fon phrosbaig. Peabar: Thig an latha a gheibh sinn cothrom na Fèinne!. Fuaim: Psiuuu !. Sgrìobhte: Cliùiteachd. Caitheamh-beatha Ghuragag. Fasan. Sealladh air Guragag. Snas. Guragag fon phrosbaig. Neach-aithris: - Deireadh na sgeòil -.
Urram: 08/2017 – www.peppercarrot.com – Obair-ealain ⁊ sgeulachd: David Revoy – Eadar-theangachadh: GunChleoc. Ceartachadh ’s piseach air na còmhraidhean: Alex Gryson, Calimeroteknik, Nicolas Artance, Valvin ’s Craig Maloney.. Taic leis a’ bhòrd-stòiridh ’s mise-en-scène: Calimeroteknik ’s Craig Maloney.. Stèidhichte air saoghal Hereva a chaidh a chruthachadh le David Revoy le taic o Craig Maloney. Ceartachadh le Willem Sonke, Moini, Hali, CGand ’s Alex Gryson.. Bathar-bog: Krita 3.1.4, Inkscape 0.92dev air Linux Mint 18.2 Cinnamon. Ceadachas: Creative Commons Attribution 4.0. Tha Pepper&Carrot saor is le tùs fosgailte air fad agus ’ga sponsaireadh le taic nan leughadairean. Mòran taing dhan 879 pàtran a thug taic dhan eapasod seo:. ’S urrainn dhut dol ’nad phàtran Pepper&Carrot cuideachd air www.patreon.com/davidrevoy.