Cìob: ... ’s tusa ag iarraidh Craobh Aonaidh! Ann a sheo!!!. CHAN FHAIGH! ’S e bana-bhuidsichean an dubh-choimeisg a th’ annainn ’s CHA DÈAN sinn a leithid rud.. Fuaim: DÒRN!. Cìob: B’ fheàirrde thu d’ aire a chur air “Geasan millidh”!. Peabar: Milleadh ann an da-rìbibh? An ràith seo? Carson nach ionnsaichinn geasan cruthachaidh ’nan àite?. Cìob: Tha ath Chomhairle nan Trì Gealaichean gu bhith tighinn oirnn mar a tha na deuchainnean agad. Ionnsaich! Ionnsaich! IONNSAICH!!! AGUS SEACHAIN AM BUAIREADH A CHUIREAS DO BHEACHDAN AMAIDEACH ORT!!!.
Fuaim: Clab!. Ffff. Curran: gnogag. Peabar: Grrrrr...!!!. Geamhradh gun Chraobh Aonaidh?! Chan fhulaing!. Saoil an cruthaichinn craobh leam fhìn le buidseachas?!. Smaoinich! B’ urrainn dhomh fiù ’s feuchainn gun cuirinn buidseachas na Clann-fhlùrachd ’s na Dubh-choimeasgachd ri chèile! Craobh mhòr uaine le solas reultan ’s rianan-grèine bìodach oirre! Àgh! Bhiodh i foirfe!. ’S bhiodh i cruthachail!. Ach chan eil dòigh san dèanainn an seòrsa seo dhe bhuidseachas ann a sheo... ... mhothaicheadh na bana-ghoistidhean air sa bhad mura robh mi ri “Geasan millidh”..
Peabar: Ach... ’Eil chuimhn’ a’m air.... Fuaim: Fuiss. Peabar: Sin e! Sa chaibideal “Geasan millidh”, tha Tìom a’ moladh gum feuchte riutha ann am meanbh-chruinne. Ach seall air a’ phailteas dhe rabhaidhean seo:. Thà.... Sgrìobhte: “NA CAITH do Rèatha uile gu lèir le cruthachadh a’ mheanbh-chruinne.”. Peabar: Gu dearbh.. Sgrìobhte: “NA DOIR dad air ais leat air adhbhar tèarainteachd.”. Peabar: Na can rium!. Seo dhut a-nise!. Sgrìobhte: “NA BI AN DÙIL air taic sam bith o thaobh a-muigh a’ mheanbh-chruinne... ...chan fhaic duine sam bith dè bhios tu ris!”. Peabar: Nach fhaic? Duine sam bith!? Tha sin foirfe! Siuthadamaid ma-thà!. Fuaim: SiiING. SIUUuuump!!. Carabhaidh: An e siud Peabar a’ cruthachadh meanbh-chruinne?. Tìom: Glè mhath! Tha mi ’n dòchas gun do thuig i na rabhaidhean uile a sgrìobh mi sa chaibideal mu na “Geasan millidh”.. Sgrìobhte: Am Pàipear Mòr.
Peabar: Sgoinneil! Tha e mar shoitheach ’s chan eil ’na bhroinn ach a’ chuid dhen leabhar-lann a dh’fheumas mi. Agus tha e glan sgaraichte on fhìorachd againn fhèin. Seo bogsa-gainmhich foirfe a chùm deuchainn air geasan.. Tòisichidh mi air an annas-làimhe agam ma-thà!. Fuaim: SiiING. PLUuuum!!. Peabar: Hè. Iochd.. Fuaim: Daoobh!!. Peabar: Ceach!. Fuaim: Chding!!. Peabar: Seo i! Tha i rìomhach ach ro bheag.... Curran: ?. Peabar: CUT, A CHURRAIN! NA BEAN RITHE!.
Fuaim: Pluuum!!. Peabar: Seo dhut! Mheudaich mi i. Tha coltas foirfe oirre a-nis! Cha chreid mi gun dèanadh e cron nan doirinn a’ chraobh seo leam às a’ mheanbh-chruinne. Chan e ach Craobh Aonaidh a th’ innte ’s eu-coltach ri “Geas millidh”.. Ceart ma-thà. Cuireamaid am meanbh-chruinne seo dhan fhìorachd againne ’s seallaidh sinn dhaibh dè cho cruthachail ’s a dh’fhaodas an Dubh-choimeasg a bhith! Tha fiughair agam ri fiamhan an aodannan!. Fuaim: DOooong!!. Tìom: An-dà... Seo Peabar air a tilleadh. Meal do naidheachd, a Chìob. Tha dòighean an fhoghlaim agad torrach mu dheireadh thall.. Cìob: Mòran taing, a bhana-mhaighstir.. Sgrìobhte: Am Pàipear Mòr.
Peabar: A CHURRAIN! Bidh mi air ais an ceann greiseig le Tìom, Cìob is Carabhaidh. Na bean ris a’ chraobh fhad ’s a bhios mi shìos, ceart gu leòr?. Bidh mi air ais a dh’aithghearr!. Fuaim: BRRrrr BRRr BRRrrr BRRrrr BRRrrr BRrr. Curran: ?. Fuaim: Chruuuf!!. Curran: !!. Fuaim: BRRr BRRrrrr. Curran: !!. Peabar: Ullaichibh dhan annas is iongantas! Chan fhaca sibh a leithid a-riamh. Leanaibh orm suas an staidhre ach am faic sibh i....
Fuaim: Chruuuuf!!. Peabar: ?!!. Fuaim: Fuuum!!!. BRAG!!!. Peabar: Feumaidh gun do rinn mi ath-sgrùdadh air na “Geasan millidh” ge b’ oil leam!. Neach-aithris: - Deireadh na sgeòil -.
Urram: Nollaig chridheil dhuibh!. 12/2017 – www.peppercarrot.com – Obair-ealain ⁊ sgeulachd: David Revoy – Eadar-theangachadh: GunChleoc. Piseach air na còmhraidhean: Craig Maloney, CalimeroTeknik, Jookia.. Ceartachadh/Beachdan Beta: Alex Gryson, Nicolas Artance, Ozdamark, Zveryok, Valvin ’s xHire.. Stèidhichte air saoghal Hereva a chaidh a chruthachadh le David Revoy le taic o Craig Maloney. Ceartachadh le Willem Sonke, Moini, Hali, CGand ’s Alex Gryson.. Bathar-bog: Krita 3.2.3, Inkscape 0.92.2 air Ubuntu 17.10. Ceadachas: Creative Commons Attribution 4.0. Tha Pepper&Carrot saor is le tùs fosgailte air fad agus ’ga sponsaireadh le taic nan leughadairean. Mòran taing dhan 810 pàtran a thug taic dhan eapasod seo:. ’S urrainn dhut dol ’nad phàtran Pepper&Carrot cuideachd air www.patreon.com/davidrevoy.