Bann-cinn
Tiotal
Eapasod 24: Craobh an Aonaidh
Eadar-theangachadh: GunChleoc.
Eapasod 24: Craobh an Aonaidh, Duilleag 1
Cìob
... ’s tusa ag iarraidh Craobh Aonaidh! Ann a sheo!!!
CHAN FHAIGH! ’S e bana-bhuidsichean an dubh-choimeisg a th’ annainn ’s CHA DÈAN sinn a leithid rud.
Fuaim
DÒRN!
Cìob
B’ fheàirrde thu d’ aire a chur air “Geasan millidh”!
Peabar
Milleadh ann an da-rìbibh? An ràith seo? Carson nach ionnsaichinn geasan cruthachaidh ’nan àite?
Cìob
Tha ath Chomhairle nan Trì Gealaichean gu bhith tighinn oirnn mar a tha na deuchainnean agad. Ionnsaich! Ionnsaich! IONNSAICH!!! AGUS SEACHAIN AM BUAIREADH A CHUIREAS DO BHEACHDAN AMAIDEACH ORT!!!
Eapasod 24: Craobh an Aonaidh, Duilleag 2
Fuaim
Clab!
Ffff
Curran
gnogag
Peabar
Grrrrr...!!!
Geamhradh gun Chraobh Aonaidh?! Chan fhulaing!
Saoil an cruthaichinn craobh leam fhìn le buidseachas?!
Smaoinich! B’ urrainn dhomh fiù ’s feuchainn gun cuirinn buidseachas na Clann-fhlùrachd ’s na Dubh-choimeasgachd ri chèile! Craobh mhòr uaine le solas reultan ’s rianan-grèine bìodach oirre! Àgh! Bhiodh i foirfe!
’S bhiodh i cruthachail!
Ach chan eil dòigh san dèanainn an seòrsa seo dhe bhuidseachas ann a sheo... ... mhothaicheadh na bana-ghoistidhean air sa bhad mura robh mi ri “Geasan millidh”.
Eapasod 24: Craobh an Aonaidh, Duilleag 3
Peabar
Ach... ’Eil chuimhn’ a’m air...
Fuaim
Fuiss
Peabar
Sin e! Sa chaibideal “Geasan millidh”, tha Tìom a’ moladh gum feuchte riutha ann am meanbh-chruinne. Ach seall air a’ phailteas dhe rabhaidhean seo:
Thà...
Sgrìobhte
“NA CAITH do Rèatha uile gu lèir le cruthachadh a’ mheanbh-chruinne.”
Peabar
Gu dearbh.
Sgrìobhte
“NA DOIR dad air ais leat air adhbhar tèarainteachd.”
Peabar
Na can rium!
Seo dhut a-nise!
Sgrìobhte
“NA BI AN DÙIL air taic sam bith o thaobh a-muigh a’ mheanbh-chruinne... ...chan fhaic duine sam bith dè bhios tu ris!”
Peabar
Nach fhaic? Duine sam bith!? Tha sin foirfe! Siuthadamaid ma-thà!
Fuaim
SiiING
SIUUuuump!!
Carabhaidh
An e siud Peabar a’ cruthachadh meanbh-chruinne?
Tìom
Glè mhath! Tha mi ’n dòchas gun do thuig i na rabhaidhean uile a sgrìobh mi sa chaibideal mu na “Geasan millidh”.
Sgrìobhte
Am Pàipear Mòr
Eapasod 24: Craobh an Aonaidh, Duilleag 4
Peabar
Sgoinneil! Tha e mar shoitheach ’s chan eil ’na bhroinn ach a’ chuid dhen leabhar-lann a dh’fheumas mi. Agus tha e glan sgaraichte on fhìorachd againn fhèin. Seo bogsa-gainmhich foirfe a chùm deuchainn air geasan.
Tòisichidh mi air an annas-làimhe agam ma-thà!
Fuaim
SiiING
PLUuuum!!
Peabar
Hè. Iochd.
Fuaim
Daoobh!!
Peabar
Ceach!
Fuaim
Chding!!
Peabar
Seo i! Tha i rìomhach ach ro bheag...
Curran
?
Peabar
CUT, A CHURRAIN! NA BEAN RITHE!
Eapasod 24: Craobh an Aonaidh, Duilleag 5
Fuaim
Pluuum!!
Peabar
Seo dhut! Mheudaich mi i. Tha coltas foirfe oirre a-nis! Cha chreid mi gun dèanadh e cron nan doirinn a’ chraobh seo leam às a’ mheanbh-chruinne. Chan e ach Craobh Aonaidh a th’ innte ’s eu-coltach ri “Geas millidh”.
Ceart ma-thà. Cuireamaid am meanbh-chruinne seo dhan fhìorachd againne ’s seallaidh sinn dhaibh dè cho cruthachail ’s a dh’fhaodas an Dubh-choimeasg a bhith! Tha fiughair agam ri fiamhan an aodannan!
Fuaim
DOooong!!
Tìom
An-dà... Seo Peabar air a tilleadh. Meal do naidheachd, a Chìob. Tha dòighean an fhoghlaim agad torrach mu dheireadh thall.
Cìob
Mòran taing, a bhana-mhaighstir.
Sgrìobhte
Am Pàipear Mòr
Eapasod 24: Craobh an Aonaidh, Duilleag 6
Peabar
A CHURRAIN! Bidh mi air ais an ceann greiseig le Tìom, Cìob is Carabhaidh. Na bean ris a’ chraobh fhad ’s a bhios mi shìos, ceart gu leòr?
Bidh mi air ais a dh’aithghearr!
Fuaim
BRRrrr BRRr BRRrrr BRRrrr BRRrrr BRrr
Curran
?
Fuaim
Chruuuf!!
Curran
!!
Fuaim
BRRr BRRrrrr
Curran
!!
Peabar
Ullaichibh dhan annas is iongantas! Chan fhaca sibh a leithid a-riamh. Leanaibh orm suas an staidhre ach am faic sibh i...
Eapasod 24: Craobh an Aonaidh, Duilleag 7
Fuaim
Chruuuuf!!
Peabar
?!!
Fuaim
Fuuum!!!
BRAG!!!
Peabar
Feumaidh gun do rinn mi ath-sgrùdadh air na “Geasan millidh” ge b’ oil leam!
Neach-aithris
- Deireadh na sgeòil -
Eapasod 24: Craobh an Aonaidh, Duilleag 8
Urram
Nollaig chridheil dhuibh!
12/2017 – www.peppercarrot.com – Obair-ealain ⁊ sgeulachd: David Revoy – Eadar-theangachadh: GunChleoc
Piseach air na còmhraidhean: Craig Maloney, CalimeroTeknik, Jookia.
Ceartachadh/Beachdan Beta: Alex Gryson, Nicolas Artance, Ozdamark, Zveryok, Valvin ’s xHire.
Stèidhichte air saoghal Hereva a chaidh a chruthachadh le David Revoy le taic o Craig Maloney. Ceartachadh le Willem Sonke, Moini, Hali, CGand ’s Alex Gryson.
Bathar-bog: Krita 3.2.3, Inkscape 0.92.2 air Ubuntu 17.10
Ceadachas: Creative Commons Attribution 4.0
Tha Pepper&Carrot saor is le tùs fosgailte air fad agus ’ga sponsaireadh le taic nan leughadairean. Mòran taing dhan 810 pàtran a thug taic dhan eapasod seo:
’S urrainn dhut dol ’nad phàtran Pepper&Carrot cuideachd air www.patreon.com/davidrevoy