Bann-cinn
Tiotal
Eapasod 26: Comhairle nan leabhraichean
Eadar-theangachadh: GunChleoc.
Eapasod 26: Comhairle nan leabhraichean, Duilleag 1
Peabar
’S caomh leam leabhraichean!
Tha nòtaichean taistealaich chomasaich san leabhar ainneamh seo a mhìnicheas a h-uile rud mun dùn seo. Nach math sin!
Mar eisimpleir: losgaidh droch-shùil an dorais seo bàlaichean-teine marbhtach a chumas aoighean gun chuireadh air falbh.
Ach ma theannas tu oirre gu cùramach on chliathach far nach fhaic i thu...
Eapasod 26: Comhairle nan leabhraichean, Duilleag 2
Peabar
...’s ma chòmhdaicheas tu an t-sùil le ad...
Fuaim
Ploc!
Peabar
...fosglaidh an doras leis fhèin an uairsin!
Tha fiù ’s moladh ann gum fàgamaid an ad far a bheil e ach an teicheamaid gun duilgheadas an uairsin! Tha deagh chomhairle san leabhar seo!
Sgrìobhte
“Thoir leum thar a’ chiad rèile.”
Peabar
Ceart ma-thà!
Sgrìobhte
“Dh’fhaoidte gum fairich thu do thuiteam. Na gabh dragh dheth. Seo ath-ghoirid.”
Fuaim
BOC
BOC
Sgrìobhte
“Gabh tlachd à cofhurtachd an lìn shoillsichte gun chunnart: cleachdaidh na damhain-allaidh seo co-thàthadh ’s cha ghabh iad ach ath-thilgeadh an t-solais.”
“Mholainn-sa norrag airson do neartachadh.”
Peabar
’S fhìor chaomh leam leabhraichean!
Eapasod 26: Comhairle nan leabhraichean, Duilleag 3
Peabar
Ò, a Churrain; Tha fhios a’m gur lugha air cait a bhith fliuch.
Na gabh dragh! Tha leabhraichean feumail airson sin cuideachd!
’S cha dug e deich mionaidean o thighinn a-steach dhan dùn, ’s mi ’nam shuidhe ann an seòmar ulaidh a’ buain duilleagan on chraobh-uisge ainneamh mu thràth. Tha leabhraichean mìorbhaileach!
Eapasod 26: Comhairle nan leabhraichean, Duilleag 4
Sgrìobhte
“Tog ite air an t-slighe.”
Peabar
Chan eil gainnead dhe dh’itean an-seo!
Sgrìobhte
“On a ghabh thu an ath-ghoirid, bu chòir dhut teannadh air seòmar an Fhreiceadain.”
Peabar
An-dà... an ceannard mòr?!? Ach càite?
A HÀ... Lorg mi thu!
Fuaim
ciogail ciogail
Peabar
Pfff...! Ro fhurasta nuair a bhios tu eòlach air an easbhaidh!
Eapasod 26: Comhairle nan leabhraichean, Duilleag 5
Fuaim
Chrrcrr!
Peabar
Ahà! Seo an doras a-mach!
Fuaim
Saidse!
Peabar
?!
Ceachhh... Tha mi cinnteach gu bheil comhairle san leabhar air mar a gheibh thu cuidhteas dhen “nì” a tha seo...
A Churrain... an leugh thu e?
An-dà... chan eil an comas seo agad... Ochan...
BHA DÙIL AGAM RIS!!! ’S an turas seo ro fhurasta! Grrr!!!
Air deireadh na sgeòil, ’s dòcha nach fhoghainn leabhar anns gach suidheachadh...
Fuaim
Paf!
Eapasod 26: Comhairle nan leabhraichean, Duilleag 6
Peabar
...ach ma...
ÈAAAAAAAA!!!
Fuaim
Pais!
Peabar
’S e an fhìrinn ann an suidheachadh sam bith... ...gur fìor chaomh leam leabhraichean!
Neach-aithris
- Deireadh na sgeòil -
Eapasod 26: Comhairle nan leabhraichean, Duilleag 7
Urram
Ceadachas: Creative Commons Attribution 4.0. Bathar-bog: Krita 4.1, Inkscape 0.92.3 air Kubuntu 17.10. Obair-ealain ⁊ sgeulachd: David Revoy. Plodraigeadh sgriobtaichean: Craig Maloney. Leughadairean Beta: Ambernite, Craig Maloney, CalimeroTeknik, Jookia, Midgard, Nartance, Popolon, Quiralta, Valvin, xHire, Zeograd. Tionndadh Gàidhlig Eadar-theangachadh: GunChleoc. Stèidhichte air saoghal Hereva Air a chruthachadh le: David Revoy. Prìomh neach-glèidhidh: Craig Maloney. Sgrìobhadairean: Craig Maloney, Nartance, Scribblemaniac, Valvin. Ceartachadh: Willem Sonke, Moini, Hali, CGand, Alex Gryson. 28mh dhen Iuchar 2018 www.peppercarrot.com
Tha Pepper&Carrot saor is le tùs fosgailte air fad agus ’ga sponsaireadh le taic nan leughadairean. Mòran taing dhan 1098 pàtran a thug taic dhan eapasod seo:
’S urrainn dhut dol ’nad phàtran Pepper&Carrot cuideachd air www.patreon.com/davidrevoy