Bann-cinn
Tiotal
Eapasod 27: Innleadaireachd Chostag
Eadar-theangachadh: GunChleoc.
Eapasod 27: Innleadaireachd Chostag, Duilleag 1
Neach-aithris
Àird Acainn air an fheasgar
Sgrìobhte
CRÙNADH A MÒRACHD BÀNRIGH CHOSTAG
Tàillear
A’ Bhana-phrionnsa Chostag...
Feuchaibh nach gluais sibh cus!
Costag
Feuchaidh, feuchaidh...
Tàillear
Tha an ùine a’ ruith oirnn ’s chan eil ach trì uairean a thìde air fhàgail mus tòisich ur crùnadh.
Costag
...
Eapasod 27: Innleadaireachd Chostag, Duilleag 2
Costag
Fhios agaibh... Bha mi a’ smaoineachadh air an tèarainteachd a-rithist...
Chaidh grunn rìghrean ’s banrighrean a mharbhadh rè deas-ghnàth a’ chrùnaidh. Seo pàirt de dh’eachdraidh mo theaghlaich.
Agus a-nis, an ceann beagan uairean a thìde, thig mìltean de dh’aoighean o fheadh an t-saoghail ’s bi mise aig cridhe an aire. Tha an t-eagal mòr mòr orm!
Peabar
Na gabh dragh, a Chostag. Tha plana againn. Bidh Sidimi ’s mi fhìn ’nar lèintean-crios dhut mar a gheall sinn!
Sidimi
Sin dìreach Air do shocair is smaoinich air rudeigin eile an-dràsta.
Costag
Ceart ma-thà.
Nise! Nach seall mi an innleadaireachd as ùire agam dhuibh?
Tàillear
...
Costag
Tha e shìos an staidhre sa cheàrdach agam. Leanaibh orm.
Eapasod 27: Innleadaireachd Chostag, Duilleag 3
Costag
Tuigidh sibh a dh’aithghearr carson a bu mhiann leam am fear ùr seo a thogail.
Tha e co-cheangailte ris an dragh agam mun chrùnadh.
Seo dhuibh an innleadaireachd as ùire agam...
Fuaim
Briog!
Bot-leigheas-inntinn
Shin thu a shaoghail.
Is mise am BOT-LEIGHEAS-INNTINN agaibh blìob bliùb
Sìnibh air an langasaid agam airson sgrùdaidh an-asgaidh.
Fuaim
Gnogag!
Eapasod 27: Innleadaireachd Chostag, Duilleag 4
Costag
Nise, dè ur beachd? Am bu toigh leibh fheuchainn?
Peabar
Bath. Chan eil feum air dhomhsa. Tha m’ inntinn slàn fallain
Fuaim
DHHI!
Peabar
DÈ ’N DONAS A THA CEÀRR AIR AN ROBOTAIR AGAD?!
Costag
Duilich! Tha buga aige nach deach leam fuasgladh fhathast. Sadaidh e gath-dealain nuair a mhothaicheas e do bhreug.
Peabar
Breug?!
Ach cha do dh’innis mi breug a-RIAMH ri m’ bheò!
Fuaim
DHHI!
Peabar
CHAN EIL... SEO... ÈIBHINN!!!
Eapasod 27: Innleadaireachd Chostag, Duilleag 5
Sidimi
Èibhinn? Chan eil idir! Duilich.
Costag
Hè hè! Tha sin fìor! Chan eil seo èibhinn air dòigh sam bith!
Fuaim
DHHI!
Peabar
Ha... Ha... Hà.
Costag
THOD! Tha deise an deas-ghnàith millte! Bidh boile air an tàillear agam!
A dhroch-robotair! Càirichidh mi am buga ort ’s gu buan!
Peabar
STAD!!!
Eapasod 27: Innleadaireachd Chostag, Duilleag 6
Peabar
Tha beachd agam air dòigh sa chuireas sinn am buga seo gu feum.
Fuaim
Tiong!
Neach-aithris
Air an oidhche...
Sgrìobhte
CRÙNADH A MÒRACHD BÀNRIGH CHOSTAG
Fuaim
DHHI!
Costag
A Pheabar, nach tusa a tha glic!
Peabar
Ach chan eil idir. ’S ann agadsa a bha an innleadaireachd!
Bot-leigheas-inntinn
An ath-neach.
Fàilte oirbh, a bheil murt fainear dhuibh a-nochd?
Neach-aithris
Ri leantainn...
Eapasod 27: Innleadaireachd Chostag, Duilleag 7
Urram
31mh dhen Dàmhair 2018 Obair-ealain ⁊ sgeulachd: David Revoy. Leughadairean Beta: Amyspark, Butterfly, Bhoren, CalimeroTeknik, Craig Maloney, Gleki Arxokuna, Imsesaok, Jookia, Martin Disch, Midgard, Nicolas Artance, uncle Night, ValVin, xHire, Zveryok. Tionndadh Gàidhlig Eadar-theangachadh: GunChleoc. Stèidhichte air saoghal Hereva Air a chruthachadh le: David Revoy. Prìomh neach-glèidhidh: Craig Maloney. Sgrìobhadairean: Craig Maloney, Nartance, Scribblemaniac, Valvin. Ceartachadh: Willem Sonke, Moini, Hali, CGand, Alex Gryson. Bathar-bog: Krita 4.2-dev, Inkscape 0.92.3 air Kubuntu 18.04. Ceadachas: Creative Commons Attribution 4.0. www.peppercarrot.com
Peabar
An robh fios agad? Tha Pepper&Carrot saor is le tùs fosgailte air fad agus ’ga sponsaireadh le taic nan leughadairean. Mòran taing dhan 1060 pàtran a thug taic dhan eapasod seo!
’S urrainn dhut dol ’nad phàtran Pepper&Carrot cuideachd is chì thu d’ àinm an-seo! Tha sinn air Patreon, Tipeee, PayPal, Liberapay ...’s a bharrachd! Tadhail air www.peppercarrot.com airson barrachd fiosrachaidh! Mòran taing!