Neach-aithris: Àird Acainn air an fheasgar. Sgrìobhte: CRÙNADH A MÒRACHD BÀNRIGH CHOSTAG. Tàillear: A’ Bhana-phrionnsa Chostag.... Feuchaibh nach gluais sibh cus!. Costag: Feuchaidh, feuchaidh.... Tàillear: Tha an ùine a’ ruith oirnn ’s chan eil ach trì uairean a thìde air fhàgail mus tòisich ur crùnadh.. Costag: ....
Costag: Fhios agaibh... Bha mi a’ smaoineachadh air an tèarainteachd a-rithist.... Chaidh grunn rìghrean ’s banrighrean a mharbhadh rè deas-ghnàth a’ chrùnaidh. Seo pàirt de dh’eachdraidh mo theaghlaich.. Agus a-nis, an ceann beagan uairean a thìde, thig mìltean de dh’aoighean o fheadh an t-saoghail ’s bi mise aig cridhe an aire. Tha an t-eagal mòr mòr orm!. Peabar: Na gabh dragh, a Chostag. Tha plana againn. Bidh Sidimi ’s mi fhìn ’nar lèintean-crios dhut mar a gheall sinn!. Sidimi: Sin dìreach Air do shocair is smaoinich air rudeigin eile an-dràsta.. Costag: Ceart ma-thà.. Nise! Nach seall mi an innleadaireachd as ùire agam dhuibh?. Tàillear: .... Costag: Tha e shìos an staidhre sa cheàrdach agam. Leanaibh orm..
Costag: Tuigidh sibh a dh’aithghearr carson a bu mhiann leam am fear ùr seo a thogail.. Tha e co-cheangailte ris an dragh agam mun chrùnadh.. Seo dhuibh an innleadaireachd as ùire agam.... Fuaim: Briog!. Bot-leigheas-inntinn: Shin thu a shaoghail.. Is mise am BOT-LEIGHEAS-INNTINN agaibh blìob bliùb. Sìnibh air an langasaid agam airson sgrùdaidh an-asgaidh.. Fuaim: Gnogag!.
Costag: Nise, dè ur beachd? Am bu toigh leibh fheuchainn?. Peabar: Bath. Chan eil feum air dhomhsa. Tha m’ inntinn slàn fallain. Fuaim: DHHI!. Peabar: DÈ ’N DONAS A THA CEÀRR AIR AN ROBOTAIR AGAD?!. Costag: Duilich! Tha buga aige nach deach leam fuasgladh fhathast. Sadaidh e gath-dealain nuair a mhothaicheas e do bhreug.. Peabar: Breug?!. Ach cha do dh’innis mi breug a-RIAMH ri m’ bheò!. Fuaim: DHHI!. Peabar: CHAN EIL... SEO... ÈIBHINN!!!.
Sidimi: Èibhinn? Chan eil idir! Duilich.. Costag: Hè hè! Tha sin fìor! Chan eil seo èibhinn air dòigh sam bith!. Fuaim: DHHI!. Peabar: Ha... Ha... Hà.. Costag: THOD! Tha deise an deas-ghnàith millte! Bidh boile air an tàillear agam!. A dhroch-robotair! Càirichidh mi am buga ort ’s gu buan!. Peabar: STAD!!!.
Peabar: Tha beachd agam air dòigh sa chuireas sinn am buga seo gu feum.. Fuaim: Tiong!. Neach-aithris: Air an oidhche.... Sgrìobhte: CRÙNADH A MÒRACHD BÀNRIGH CHOSTAG. Fuaim: DHHI!. Costag: A Pheabar, nach tusa a tha glic!. Peabar: Ach chan eil idir. ’S ann agadsa a bha an innleadaireachd!. Bot-leigheas-inntinn: An ath-neach.. Fàilte oirbh, a bheil murt fainear dhuibh a-nochd?. Neach-aithris: Ri leantainn....
Urram: 31mh dhen Dàmhair 2018 Obair-ealain ⁊ sgeulachd: David Revoy. Leughadairean Beta: Amyspark, Butterfly, Bhoren, CalimeroTeknik, Craig Maloney, Gleki Arxokuna, Imsesaok, Jookia, Martin Disch, Midgard, Nicolas Artance, uncle Night, ValVin, xHire, Zveryok. Tionndadh Gàidhlig Eadar-theangachadh: GunChleoc. Stèidhichte air saoghal Hereva Air a chruthachadh le: David Revoy. Prìomh neach-glèidhidh: Craig Maloney. Sgrìobhadairean: Craig Maloney, Nartance, Scribblemaniac, Valvin. Ceartachadh: Willem Sonke, Moini, Hali, CGand, Alex Gryson. Bathar-bog: Krita 4.2-dev, Inkscape 0.92.3 air Kubuntu 18.04. Ceadachas: Creative Commons Attribution 4.0. www.peppercarrot.com. Peabar: An robh fios agad? Tha Pepper&Carrot saor is le tùs fosgailte air fad agus ’ga sponsaireadh le taic nan leughadairean. Mòran taing dhan 1060 pàtran a thug taic dhan eapasod seo!. ’S urrainn dhut dol ’nad phàtran Pepper&Carrot cuideachd is chì thu d’ àinm an-seo! Tha sinn air Patreon, Tipeee, PayPal, Liberapay ...’s a bharrachd! Tadhail air www.peppercarrot.com airson barrachd fiosrachaidh! Mòran taing!.