Neach-aithris: Cho-thaobhaich na trì gealaichean Theireabha air an oidhche ud, agus thug an solas sealladh iongantach dhan èisteachd ann an àrd-theampall na Sòmbaidheachd.. B’ ann fon t-solas drùiteach seo a chaidh mo charaid Costag na.... Banrigh Àird Acainn..
Neach-aithris: Bha subhachas againn an uairsin.. Cèilidh mhòr ’s na sgoiltean buidseachais uile an làthair ’s ceudan dhe dh’aoighean uasal o fheadh Theireabha.. Peabar: !?.
Peabar: Ò! ’S tusa a th’ ann!. Curran: slìob slìob. Peabar: Bha m’ aire fad air falbh.. Thèid mi a-steach. Tha i a’ fàs fuar a-muigh.. Neach-naidheachd: Greas oirbh! Seo ise!. Dlùth oirre! Gu sgiobalta!. A mhaighdeann Chròch, an can sibh facal no dhà do Theachdaire Àird Acainn?. Cròch: Canaidh gu dearbh!. Fuaim: BOILLSG. BOILLSG. BOILLSG. BOILLSG. Neach-naidheachd: A mhaighdeann Chròch! Seo Gasaet Stoidhle Theireabha. Cò an dealbhaiche a chuir sibh umaibh a-nochd?. Peabar: .... A bheil thu agam, a Churrain? Saoilidh mi gu bheil mi a’ tuigsinn carson nach eil mi ann an deagh thrum a-nochd..
Peabar: Tha mo charaidean uile cho soirbheachail agus ag amannan bu mhiann leam gun robh beagan dheth agamsa cuideachd.. Tha Costag ’na banrigh. Tha Cròch beartach ’s cliùiteach.. Tha fiù ’s coltas foirfe air Sidimi leis an sgoil aice.. Agus dè mu mo dhèidhinn-sa? Dè th’ agamsa?. Seo..
Sidimi: A Pheabar?. Shiolp mi cuid bìdh a-mach. A bheil thu ag iarraidh gin dheth?.
Sidimi: Tha e a’ faireachdainn neònach gum feum mi dol am falach airson ithe. Ach sparraidh an t-oide againn oirnn gum biodh coltas nam spioradan glana gun fheumalachdan daonnail oirnn.. Cròch: Hà! Sin sibh!. Mu dheireadh thall! Lorg mi àite airson teicheadh on luchd-togail dhealbh. Tha iad ’gam chur às mo chiall.. Costag: Luchd-togail dhealbh?. Feuch an seachain thu deasbadan ràsanach le luchd poileataigs nuair a bhios an rud seo air do cheann.. Fuaim: tachais tachais.
Costag: Eadar dà sgeul, a Pheabar, choinnich mi ris na bana-ghoistidhean agad mu dheireadh thall. Tha iad cianail fhèin sònraichte.. Peabar: !!!. Costag: Fhios a’d, tha thu cho fortanach. Leigidh iad leat dèanamh na thogras tu gun teagamh.. Can, dol às àicheadh riochd is bleadraigidh fhaoin gun dragh mun dìoplomasaidh.. Cròch: No dannsa is gabhail tlachd gun diù a’ choin air beachdan chàich ort.. Sidimi: No feuchainn air a h-uile biadh air a’ bhuffet gun eagal gum faiceadh cuideigin thu!.
Sidimi: Ò! A Pheabar!? Na thuirt sinn rudeigin a chuireadh mun cuairt thu?. Peabar: Cha duirt idir! Mòran taing, a chàirdean!. Neach-aithris: Ri leantainn....
Urram: San Fhaoilleach 2019 Obair-ealain ⁊ sgeulachd: David Revoy. Leughadairean Beta: CalimeroTeknik, Craig Maloney, Martin Disch, Midgard, Nicolas Artance, Valvin. Tionndadh Gàidhlig Eadar-theangachadh: GunChleoc. Stèidhichte air saoghal Hereva Air a chruthachadh le: David Revoy. Prìomh neach-glèidhidh: Craig Maloney. Sgrìobhadairean: Craig Maloney, Nartance, Scribblemaniac, Valvin. Ceartachadh: Willem Sonke, Moini, Hali, CGand, Alex Gryson. Bathar-bog: Krita 4.1.5~appimage, Inkscape 0.92.3 air Kubuntu 18.04.1. Ceadachas: Creative Commons Attribution 4.0. www.peppercarrot.com. Peabar: An robh fios agad? Tha Pepper&Carrot saor is le tùs fosgailte air fad agus ’ga sponsaireadh le taic nan leughadairean. Mòran taing dhan 960 pàtran a thug taic dhan eapasod seo!. ’S urrainn dhut dol ’nad phàtran Pepper&Carrot cuideachd is chì thu d’ àinm an-seo! Tha sinn air Patreon, Tipeee, PayPal, Liberapay ...’s a bharrachd! Tadhail air www.peppercarrot.com airson barrachd fiosrachaidh! Mòran taing!.