Neach-aithris: San eadar-àm, ann an saoghal eile…. Uilebheist: Mu deıŗead tall! Ŝgàınead eadar ŝaoġalan!. Feumaıd gun do d’adbaraıċ taċartaŝ coŝmaċ šeo!. Fàŝ! Fàŝ, a brıšıd bıg! Iŝ noċd an ŝaoġal ùr šeo dom a ċùm TRÀILLEAĊAID AGUŜ AN-BRUID. A saoġaıl… Ta šeo ıntıneaċ.. Naċ buıde dom….
Uilebheist: Šeo ŝaoġal far a beıl creutaıŗean tuıgšeaċ a’ còmnaıd!. Greaŝ ort, a brıšıd bıg!. Fàŝ! Mùhaha hahahà!. Peabar: Tha mi claoidhte! Abair cèilidh, a chàirdean!. Costag: Èist, a Pheabar, thàinig e a-steach orm ’s air Cròch nach eil spùt againn air mar a dh’obraicheas draoidheachd na Dubh-choimeasgachd agad.. Cròch: Tha e ’na rùn-dìomhair dhuinn. An innis thu dhuinn rud m’ a dèidhinn?.
Peabar: Hàhà, chan eil i furasta mìneachadh.. Uill, chanainn gu bheil i stèidhichte air tuigse nan laghan a tha aig bonn shiostaman dubh-choimeasgach… …on fhear as lugha dhan fhear as motha.. Costag: Uill, tha seo cho soilleir ri làr a' mheadhain-oidhche.. Fuaim: SGRÌOB SGRÌOB. Peabar: Socair oirbh, seallaidh mi ball-eisimpleir sìmplidh dhuibh.. Fuirichibh diog ’s le seann-ghliocas na Dubh-choimeasgachd…. Seo a-niste!. Am faic sibh am bior seo a bha stuicte eadar na clachan-càsaidh? Le thogail, shàbhail mi cuideigin o cheumadh air gun teagamh.. Seo atharrachadh beag math ann am mòr-shiostam dubh-choimeasgach a’ bhith le buaidh mhòr aige ma dh’fhaoidte. Seo na tha aig cridhe na Dubh-choimeasgachd!.
Sidimi: A dhiamh mhòir!. Costag: Ceachhh! Bha an rud seo ann am beul cuideigin!. Cròch: Hà hà! Iongantach mar as àbhaist, a Pheabar!. Costag: Ceart ma-thà, a Pheabar, mòran taing airson a’ “mhìneachaidh” seo.. Saoil an dèid sinn innte a-nis? ’S gun nigh cuideigin a làmh.. Peabar: Hoigh! Fuirichibh orm!. Fuaim: Caith!. Boc! Boc!. BAS!. Curran: ?.
Fuaim: BRAG!. BEUM!. BeUM!. Fisss!!. SrAD!. Peabar: Na biodh an t-eagal ort, a Churrain. Feumaidh gu bheil cuid a dhaoine ’ga chomharrachadh fhathast.. Cadal sèimh, a sheòid!.
Carabhaidh: Ann an da-rìribh? An deach leatha iom-obrachadh cho mòr sin adhbharachadh gun sgot aice air?. Cìob: Chaidh gun teagamh sam bith.. Tìom: A mhnathan-uasal, saoilidh mi gu bheil am Peabar againne ullamh mu dheireadh thall!. Fuaim: Fissss!!. Uilebheist: .... Fuaim: Bhiiib!. Neach-aithris: - Deireadh trì-sgeulachd crùnadh Chostag -.
Urram: 25mh dhen Ghiblean 2019 Obair-ealain ⁊ sgeulachd: David Revoy. Leughadairean Beta: CalimeroTeknik, Craig Maloney, Martin Disch, Midgard, Nicolas Artance, Valvin. Tionndadh Gàidhlig Eadar-theangachadh: GunChleoc. Stèidhichte air saoghal Hereva Air a chruthachadh le: David Revoy. Prìomh neach-glèidhidh: Craig Maloney. Sgrìobhadairean: Craig Maloney, Nartance, Scribblemaniac, Valvin. Ceartachadh: Willem Sonke, Moini, Hali, CGand, Alex Gryson. Bathar-bog: Krita 4.1.5~appimage, Inkscape 0.92.3 air Kubuntu 18.04.1. Ceadachas: Creative Commons Attribution 4.0. www.peppercarrot.com. Peabar: An robh fios agad? Tha Pepper&Carrot saor is le tùs fosgailte air fad agus ’ga sponsaireadh le taic nan leughadairean. Mòran taing dhan 960 pàtran a thug taic dhan eapasod seo!. ’S urrainn dhut dol ’nad phàtran Pepper&Carrot cuideachd is chì thu d’ àinm an-seo! Tha sinn air Patreon, Tipeee, PayPal, Liberapay ...’s a bharrachd! Tadhail air www.peppercarrot.com airson barrachd fiosrachaidh! Mòran taing!.