Bann-cinn
Tiotal
Eapasod 29: Milltear nan saoghal
Eadar-theangachadh: GunChleoc.
Eapasod 29: Milltear nan saoghal, Duilleag 1
Neach-aithris
San eadar-àm, ann an saoghal eile…
Uilebheist
Mu deıŗead tall! Ŝgàınead eadar ŝaoġalan!
Feumaıd gun do d’adbaraıċ taċartaŝ coŝmaċ šeo!
Fàŝ! Fàŝ, a brıšıd bıg! Iŝ noċd an ŝaoġal ùr šeo dom a ċùm TRÀILLEAĊAID AGUŜ AN-BRUID
A saoġaıl… Ta šeo ıntıneaċ.
Naċ buıde dom…
Eapasod 29: Milltear nan saoghal, Duilleag 2
Uilebheist
Šeo ŝaoġal far a beıl creutaıŗean tuıgšeaċ a’ còmnaıd!
Greaŝ ort, a brıšıd bıg!
Fàŝ! Mùhaha hahahà!
Peabar
Tha mi claoidhte! Abair cèilidh, a chàirdean!
Costag
Èist, a Pheabar, thàinig e a-steach orm ’s air Cròch nach eil spùt againn air mar a dh’obraicheas draoidheachd na Dubh-choimeasgachd agad.
Cròch
Tha e ’na rùn-dìomhair dhuinn. An innis thu dhuinn rud m’ a dèidhinn?
Eapasod 29: Milltear nan saoghal, Duilleag 3
Peabar
Hàhà, chan eil i furasta mìneachadh.
Uill, chanainn gu bheil i stèidhichte air tuigse nan laghan a tha aig bonn shiostaman dubh-choimeasgach… …on fhear as lugha dhan fhear as motha.
Costag
Uill, tha seo cho soilleir ri làr a' mheadhain-oidhche.
Fuaim
SGRÌOB SGRÌOB
Peabar
Socair oirbh, seallaidh mi ball-eisimpleir sìmplidh dhuibh.
Fuirichibh diog ’s le seann-ghliocas na Dubh-choimeasgachd…
Seo a-niste!
Am faic sibh am bior seo a bha stuicte eadar na clachan-càsaidh? Le thogail, shàbhail mi cuideigin o cheumadh air gun teagamh.
Seo atharrachadh beag math ann am mòr-shiostam dubh-choimeasgach a’ bhith le buaidh mhòr aige ma dh’fhaoidte. Seo na tha aig cridhe na Dubh-choimeasgachd!
Eapasod 29: Milltear nan saoghal, Duilleag 4
Sidimi
A dhiamh mhòir!
Costag
Ceachhh! Bha an rud seo ann am beul cuideigin!
Cròch
Hà hà! Iongantach mar as àbhaist, a Pheabar!
Costag
Ceart ma-thà, a Pheabar, mòran taing airson a’ “mhìneachaidh” seo.
Saoil an dèid sinn innte a-nis? ’S gun nigh cuideigin a làmh.
Peabar
Hoigh! Fuirichibh orm!
Fuaim
Caith!
Boc! Boc!
BAS!
Curran
?
Eapasod 29: Milltear nan saoghal, Duilleag 5
Fuaim
Ssss!
Sgleog!
Poc!
GLUING!
FrruuiS…
Eapasod 29: Milltear nan saoghal, Duilleag 6
Sgrìobhte
STÒRAS CHLEASAN-TEINE
Fuaim
FrrUuiSs!!
Frr!!
BEUM!
Uilebheist
MùhahaHAHÀ! Mu deıŗead tall! IONŜAIĠ!!!
Fuaim
Fisss!!
Uilebheist
!?
Eapasod 29: Milltear nan saoghal, Duilleag 7
Fuaim
BRAG!
BEUM!
BeUM!
Fisss!!
SrAD!
Peabar
Na biodh an t-eagal ort, a Churrain. Feumaidh gu bheil cuid a dhaoine ’ga chomharrachadh fhathast.
Cadal sèimh, a sheòid!
Eapasod 29: Milltear nan saoghal, Duilleag 8
Carabhaidh
Ann an da-rìribh? An deach leatha iom-obrachadh cho mòr sin adhbharachadh gun sgot aice air?
Cìob
Chaidh gun teagamh sam bith.
Tìom
A mhnathan-uasal, saoilidh mi gu bheil am Peabar againne ullamh mu dheireadh thall!
Fuaim
Fissss!!
Uilebheist
...
Fuaim
Bhiiib!
Neach-aithris
- Deireadh trì-sgeulachd crùnadh Chostag -
Eapasod 29: Milltear nan saoghal, Duilleag 9
Urram
25mh dhen Ghiblean 2019 Obair-ealain ⁊ sgeulachd: David Revoy. Leughadairean Beta: CalimeroTeknik, Craig Maloney, Martin Disch, Midgard, Nicolas Artance, Valvin. Tionndadh Gàidhlig Eadar-theangachadh: GunChleoc. Stèidhichte air saoghal Hereva Air a chruthachadh le: David Revoy. Prìomh neach-glèidhidh: Craig Maloney. Sgrìobhadairean: Craig Maloney, Nartance, Scribblemaniac, Valvin. Ceartachadh: Willem Sonke, Moini, Hali, CGand, Alex Gryson. Bathar-bog: Krita 4.1.5~appimage, Inkscape 0.92.3 air Kubuntu 18.04.1. Ceadachas: Creative Commons Attribution 4.0. www.peppercarrot.com
Peabar
An robh fios agad? Tha Pepper&Carrot saor is le tùs fosgailte air fad agus ’ga sponsaireadh le taic nan leughadairean. Mòran taing dhan 960 pàtran a thug taic dhan eapasod seo!
’S urrainn dhut dol ’nad phàtran Pepper&Carrot cuideachd is chì thu d’ àinm an-seo! Tha sinn air Patreon, Tipeee, PayPal, Liberapay ...’s a bharrachd! Tadhail air www.peppercarrot.com airson barrachd fiosrachaidh! Mòran taing!