Bann-cinn
Eapasod 32: Am blàr, Duilleag 1 Eapasod 32: Am blàr, Duilleag 1
Eapasod 32: Am blàr, Duilleag 2 Eapasod 32: Am blàr, Duilleag 2
Eapasod 32: Am blàr, Duilleag 3 Eapasod 32: Am blàr, Duilleag 3
Eapasod 32: Am blàr, Duilleag 4 Eapasod 32: Am blàr, Duilleag 4
Eapasod 32: Am blàr, Duilleag 5 Eapasod 32: Am blàr, Duilleag 5
Eapasod 32: Am blàr, Duilleag 6 Eapasod 32: Am blàr, Duilleag 6
Eapasod 32: Am blàr, Duilleag 7 Eapasod 32: Am blàr, Duilleag 7
Eapasod 32: Am blàr, Duilleag 8 Eapasod 32: Am blàr, Duilleag 8
Tar-sgrìobhadh
Tiotal
Eapasod 32: Am blàr

Duilleag 1

Duilleag 2

Rìgh
A thànaiste! An do thrus thu bana-bhuidseach mar a dh’iarr mi ort?
Tànaiste
Thrus, a thighearna! Tha i ’na seasamh ri ’r taobh.
Rìgh
...?
Peabar
Sin sibh! Is mise Peab…
Rìgh
?!!
AMADAIN!!! Carson an do thrus thu an leanabh ud?! Feumaidh mi bana-bhuidseach catha cheart!

Duilleag 3

Peabar
Gabhaibh mo leisgeul! ’S e bana-bhuidseach cheart na Dubh-choimeasgachd a th’ annam. Tha fiù ’s dioplòma agam a dh’innseas…
Sgrìobhte
An Dubh- choimeasgachd
~ CEUM ~
Tìom Cìob Carabhaidh
bana-bhuidseach oifigeil
~ Peabar ~
Rìgh
IST!
Chan eil clann-nighnean gu feum dhomh san fheachd seo. Thalla dhachaigh ’s cluich leis na doileagan agad.
Fuaim
Pais!
Feachd
HÀHÀ HÀ HÀ!
HÀHÀ HÀ HÀ!
HÀHÀ HÀ HÀ!
HÀ HÀ HÀHÀ!

Duilleag 4

Peabar
Cha chreid mi e! Às dèidh bliadhnaichean mòra ag ionnsachadh, cha ghabh duine beò gu da-rìribh mi…
…air sgàth ’s nach eil riochd an t-seana-chinn orm!
Fuaim
SÈID!!
Peabar
A CHURRAIN !
Fuaim
Sgleog!!

Duilleag 5

Peabar
Ann an da-rìribh, a Churrain? Tha mi ’n dòchas gum b’ fhiach am biadh e. Tha coltas sgrathail ort…
…Tha coltas…
An riochd a th’ ort! Saoil…
Fuaim
Brag!

Duilleag 6

Peabar
SIBHSE! Chuala mi gu bheil sibh a’ lorg BANA-BHUIDSEACH CHEART?!?

Duilleag 7

Rìgh
Ghabh mi ath-smuain mu dhèidhinn, nach iarr sinn tilleadh air an nighneag eile? Cha chreid mi nach bi an tè seo ro dhaor.
Sgrìobhte
RI LEANTAINN…

Duilleag 8

Urram
31ad dhen Mhàrt 2020 Obair-ealain ⁊ sgeulachd: David Revoy. Leughadairean Beta: Craig Maloney, Martin Disch, Arlo James Barnes, Nicolas Artance, Parnikkapore, Stephen Paul Weber, Valvin, Vejvej. Tionndadh Gàidhlig Eadar-theangachadh: GunChleoc. Stèidhichte air saoghal Hereva Air a chruthachadh le: David Revoy. Prìomh neach-glèidhidh: Craig Maloney. Sgrìobhadairean: Craig Maloney, Nartance, Scribblemaniac, Valvin. Ceartachadh: Willem Sonke, Moini, Hali, CGand, Alex Gryson. Bathar-bog: Krita 4.2.9-beta, Inkscape 0.92.3 air Kubuntu 19.10. Ceadachas: Creative Commons Attribution 4.0. www.peppercarrot.com
Peabar
An robh fios agad? Tha Pepper&Carrot saor is le tùs fosgailte air fad agus ’ga sponsaireadh le taic nan leughadairean. Mòran taing dhan 1121 pàtran a thug taic dhan eapasod seo!
’S urrainn dhut dol ’nad phàtran Pepper&Carrot cuideachd is chì thu d’ àinm an-seo! Tha sinn air Patreon, Tipeee, PayPal, Liberapay ...’s a bharrachd! Tadhail air www.peppercarrot.com airson barrachd fiosrachaidh! Mòran taing!