Neach-aithris: Air an dearbh oidhche…. Ìbisg: …agus le sin bheir sinn fàilte ort a-nochd, a Shidsimi, ’nad Bhan-ridire Achd as òige.. Costag: A bheil sgeul air Peabar fhathast?. Cròch: Chan eil fhathast. Mura cuir i greas oirre, caillidh i òraid Sidimi.. Sidimi: Mòran taing. Bu toigh l’….
Fuaim: Fruuuuuuu. FruuuuiSSS. Peabar: A’ tighinn! Thoiribh an aire! AN AIRE!!!. Fuaim: SAIDE!. Peabar: H-opag!. ’Eil sibh ceart gu leòr? Gun chnàmhan briste?. Sidimi: A Pheabar!. Peabar: Sin thu fhèin, a Shidimi! Gabh mo leisgeul gun dàinig mi a-steach le fruis is anmoch! Tha mi air mo dheann-ruith fad an latha, ach sin sgeulachd eile..
Ìbisg: An e tè de na h-aoighean agad-sa a th’ innte?. Sidimi: ’S e. Seo mo charaid Peabar. Na gabhaibh dragh.. Peabar: A Churrain, a bheil thu gu math? Tha mi duilich mun landadh, feumaidh mi ionnsachadh fhathast air far-luaths.. A-rithist, gabhaibh mo leisgeul airson na trioblaide, agus a thaobh m’ èididh…. Sidimi: tì hì. Raidis: A Shidimi, a’ bhana-bhuidseach òg a tha air a tighinn, an e caraid dhut a th’ innte ann an da-rìribh?.
Sidimi: ’S e, a Mhòrachd. ’S e Peabar an t-ainm a th’ oirre is buinidh i do Sgoil na Dubh-choimeasgachd.. Raidis: Tha a làthaireachd a’ truailleadh naomhachd ar sgoile. Gun cuireadh tu a-mach à mo shealladh i gun dàil.. Sidimi: Ach… A’ bhana-mhaighstir Raidis…. Raidis: B’ àill leat? Am b’ fheàrr leat gun rachadh d’ fhògradh on sgoil againn?. Sidimi: !!!.
Sidimi: Tha mi duilich, a Pheabar, ach feumaidh tu falbh. Làrach nam bonn.. Peabar: Gu dè? Dad thusa! Air do shocair ort! Feumaidh gur e mì-thuigse a th’ ann.. Sidimi: A Pheabar a charaid, na dèan cùis dhuilich dheth.. Peabar: Haoigh! Sibhse, air a’ chathair ud. Ma tha duilgheadas agaibh leam, a-nuas leibh is innsibh fhèin dhomh e!. Raidis: Tsss…. A Shidimi, tha deich diogan agad… a naoi… a h-ochd… a seachd…. Sidimi: FÒGHNAIDH NA DH’FHÒGHNAS, A PHEABAR! THALLA!!!. Fuaim: SRRIiii!.
Peabar: A Shidimi, gabh air do shoc…. Fuaim: BADuuM!. Sidimi: THALLA!!! THALLA!!! THALLA!!!. Fuaim: CREEEEE!!!. Peabar: Oit! Nise! Chan… eil SEO… Aobh… Càilear!. Fuaim: SGLEOG! PAIS! PAIS! SGLEOG!. Costag: A SHIDSIMI! A PHEABAR! SGUIRIBH DHETH!. Cròch: Fuirich ort.. Raidis: An-dà…. Peabar: Grrr! Mas e sin na dh’iarras tu!. Fuaim: BRSiUU!!.
Peabar: MIONNUS DUBHÀSARE MAXIMUS!!!. Fuaim: BRRAAG!. Peabar: Oit!. Fuaim: PAIS!!. Sidimi: Cha doir an dubhadh às as fheàrr a th’ agad buaidh orm-sa!. Gèill, a Pheabar, is thalla! Gun sguirinn do ghoirteachadh!. Peabar: ’S ann gun deach leis an dubhadh às ceart gu leòr ach cha b’ e tusa an t-amas.. Sidimi: Gu dè? Cò air a tha thu a-mach?!. Fuaim: Psssi... Psssi....
Sidimi: ?!!. Peabar: B’ ise an t-amas! Dhubh mi às a geas glàmair a chumas coltas òg oirre.. Mhothaich mi dhan gheas sin cho luath ’s a ràinig mi. Nise, cha do chuir mi ach blasad beag oirbh de na tha sibh airidh air on a thug sibh air Sidimi sabaid ’nam aghaidh!. Raidis: ABAIR UABHAR! Ciamar a dhùraig thu ’s air beulaibh na sgoil gu lèir agam!. Peabar: Cha chreid mi nach eil sibh fortanach! Nan robh mo Rèatha slàn annam, chan fhòghnadh sin dhomh..
Fuaim: DRSUBH!!. Raidis: Tha mi a’ tuigsinn. Ràinig thu ìre do shinnsearan mòran nas luaithe na bha mi ’n dùil… Cuiridh sin greasad air a’ phlana agam ach ’s fhiach.. Peabar: Plana, an e? ’S ann nach robh sibh ach airson deuchainn a chur orm is nach robh mo mhaille ’na h-adhbhar idir? Abair car claon!. Raidis: tì… hì.. DÈ THA SIBH UILE A’ COIMHEAD AIR?! THA MI AIR IONNSAIGH FHULANG IS CHA DÈAN SIBHSE DAD ACH SEASAMH AIR UR N-AIS!! GLACAIBH I!!!. THA MI ’GA H-IARRAIDH BEÒ!. GLACAIBH I!!!. Peabar: A Shidsimi, bruidhnidh sinn mu dhèidhinn uaireigin eile!. Tha mi duilich, a Churrain, ach tha am far-luaths ’ga èigneachadh oirnn a-rithist. Glac mi teann!. Fuaim: Gnog!. Gnog!. FrruuiS!!.
Peabar: ?!. Raidis: GLACAIBH I!!. Peabar: Obh obh.. Cròch: A Pheabar, gabh mo sguab-sa!. Fuaim: Fisss!. Peabar: A shaoghail! Mòran taing, a Chròch!. Fuaim: Poc!. FruuUUUiS!. Neach-aithris: RI LEANTAINN….
Urram: 31ad dhen Mhàrt, 2021 Obair-ealain ⁊ sgeulachd: David Revoy. Leughadairean Beta: Arlo James Barnes, Carotte, Craig Maloney, Efrat b, GunChleoc, Karl Ove Hufthammer, Martin Disch, Nicolas Artance, Parnikkapore, Valvin. Tionndadh Gàidhlig Eadar-theangachadh: GunChleoc. Taing shònraichte: do Nartance a chuir sùil air pearsa Raidis sna nobhailean ficsean luchd-leantainn aige. Thug an dòigh a bheachdaich e oirre buaidh mhòr air mar a chuir mi an cèill i san eapasod seo. Stèidhichte air saoghal Hereva Air a chruthachadh le: David Revoy. Prìomh neach-glèidhidh: Craig Maloney. Sgrìobhadairean: Craig Maloney, Nartance, Scribblemaniac, Valvin. Ceartachadh: Willem Sonke, Moini, Hali, CGand, Alex Gryson. Bathar-bog: Krita 4.4.1, Inkscape 1.0.2 air Kubuntu Linux 20.04. Ceadachas: Creative Commons Attribution 4.0. www.peppercarrot.com. Peabar: An robh fios agad? Tha Pepper&Carrot saor is le tùs fosgailte air fad agus ’ga sponsaireadh le taic nan leughadairean. Mòran taing dhan 1096 pàtran a thug taic dhan eapasod seo!. ’S urrainn dhut dol ’nad phàtran Pepper&Carrot cuideachd is chì thu d’ àinm an-seo! Tha sinn air Patreon, Tipeee, PayPal, Liberapay ...’s a bharrachd! Tadhail air www.peppercarrot.com airson barrachd fiosrachaidh!. Mòran taing!.