Bann-cinn
Tiotal
Eapasod 34: Ceumnachadh Sidimi
Eadar-theangachadh: GunChleoc.
Eapasod 34: Ceumnachadh Sidimi, Duilleag 1
Neach-aithris
Air an dearbh oidhche…
Ìbisg
…agus le sin bheir sinn fàilte ort a-nochd, a Shidsimi, ’nad Bhan-ridire Achd as òige.
Costag
A bheil sgeul air Peabar fhathast?
Cròch
Chan eil fhathast. Mura cuir i greas oirre, caillidh i òraid Sidimi.
Sidimi
Mòran taing. Bu toigh l’…
Eapasod 34: Ceumnachadh Sidimi, Duilleag 2
Fuaim
Fruuuuuuu
FruuuuiSSS
Peabar
A’ tighinn! Thoiribh an aire! AN AIRE!!!
Fuaim
SAIDE!
Peabar
H-opag!
’Eil sibh ceart gu leòr? Gun chnàmhan briste?
Sidimi
A Pheabar!
Peabar
Sin thu fhèin, a Shidimi! Gabh mo leisgeul gun dàinig mi a-steach le fruis is anmoch! Tha mi air mo dheann-ruith fad an latha, ach sin sgeulachd eile.
Eapasod 34: Ceumnachadh Sidimi, Duilleag 3
Ìbisg
An e tè de na h-aoighean agad-sa a th’ innte?
Sidimi
’S e. Seo mo charaid Peabar. Na gabhaibh dragh.
Peabar
A Churrain, a bheil thu gu math? Tha mi duilich mun landadh, feumaidh mi ionnsachadh fhathast air far-luaths.
A-rithist, gabhaibh mo leisgeul airson na trioblaide, agus a thaobh m’ èididh…
Sidimi
tì hì
Raidis
A Shidimi, a’ bhana-bhuidseach òg a tha air a tighinn, an e caraid dhut a th’ innte ann an da-rìribh?
Eapasod 34: Ceumnachadh Sidimi, Duilleag 4
Sidimi
’S e, a Mhòrachd. ’S e Peabar an t-ainm a th’ oirre is buinidh i do Sgoil na Dubh-choimeasgachd.
Raidis
Tha a làthaireachd a’ truailleadh naomhachd ar sgoile. Gun cuireadh tu a-mach à mo shealladh i gun dàil.
Sidimi
Ach… A’ bhana-mhaighstir Raidis…
Raidis
B’ àill leat? Am b’ fheàrr leat gun rachadh d’ fhògradh on sgoil againn?
Sidimi
!!!
Eapasod 34: Ceumnachadh Sidimi, Duilleag 5
Sidimi
Tha mi duilich, a Pheabar, ach feumaidh tu falbh. Làrach nam bonn.
Peabar
Gu dè? Dad thusa! Air do shocair ort! Feumaidh gur e mì-thuigse a th’ ann.
Sidimi
A Pheabar a charaid, na dèan cùis dhuilich dheth.
Peabar
Haoigh! Sibhse, air a’ chathair ud. Ma tha duilgheadas agaibh leam, a-nuas leibh is innsibh fhèin dhomh e!
Raidis
Tsss…
A Shidimi, tha deich diogan agad… a naoi… a h-ochd… a seachd…
Sidimi
FÒGHNAIDH NA DH’FHÒGHNAS, A PHEABAR! THALLA!!!
Fuaim
SRRIiii!
Eapasod 34: Ceumnachadh Sidimi, Duilleag 6
Peabar
A Shidimi, gabh air do shoc…
Fuaim
BADuuM!
Sidimi
THALLA!!! THALLA!!! THALLA!!!
Fuaim
CREEEEE!!!
Peabar
Oit! Nise! Chan… eil SEO… Aobh… Càilear!
Fuaim
SGLEOG! PAIS! PAIS! SGLEOG!
Costag
A SHIDSIMI! A PHEABAR! SGUIRIBH DHETH!
Cròch
Fuirich ort.
Raidis
An-dà…
Peabar
Grrr! Mas e sin na dh’iarras tu!
Fuaim
BRSiUU!!
Eapasod 34: Ceumnachadh Sidimi, Duilleag 7
Peabar
MIONNUS DUBHÀSARE MAXIMUS!!!
Fuaim
BRRAAG!
Peabar
Oit!
Fuaim
PAIS!!
Sidimi
Cha doir an dubhadh às as fheàrr a th’ agad buaidh orm-sa!
Gèill, a Pheabar, is thalla! Gun sguirinn do ghoirteachadh!
Peabar
’S ann gun deach leis an dubhadh às ceart gu leòr ach cha b’ e tusa an t-amas.
Sidimi
Gu dè? Cò air a tha thu a-mach?!
Fuaim
Psssi... Psssi...
Eapasod 34: Ceumnachadh Sidimi, Duilleag 8
Sidimi
?!!
Peabar
B’ ise an t-amas! Dhubh mi às a geas glàmair a chumas coltas òg oirre.
Mhothaich mi dhan gheas sin cho luath ’s a ràinig mi. Nise, cha do chuir mi ach blasad beag oirbh de na tha sibh airidh air on a thug sibh air Sidimi sabaid ’nam aghaidh!
Raidis
ABAIR UABHAR! Ciamar a dhùraig thu ’s air beulaibh na sgoil gu lèir agam!
Peabar
Cha chreid mi nach eil sibh fortanach! Nan robh mo Rèatha slàn annam, chan fhòghnadh sin dhomh.
Eapasod 34: Ceumnachadh Sidimi, Duilleag 9
Fuaim
DRSUBH!!
Raidis
Tha mi a’ tuigsinn. Ràinig thu ìre do shinnsearan mòran nas luaithe na bha mi ’n dùil… Cuiridh sin greasad air a’ phlana agam ach ’s fhiach.
Peabar
Plana, an e? ’S ann nach robh sibh ach airson deuchainn a chur orm is nach robh mo mhaille ’na h-adhbhar idir? Abair car claon!
Raidis
tì… hì.
DÈ THA SIBH UILE A’ COIMHEAD AIR?! THA MI AIR IONNSAIGH FHULANG IS CHA DÈAN SIBHSE DAD ACH SEASAMH AIR UR N-AIS!! GLACAIBH I!!!
THA MI ’GA H-IARRAIDH BEÒ!
GLACAIBH I!!!
Peabar
A Shidsimi, bruidhnidh sinn mu dhèidhinn uaireigin eile!
Tha mi duilich, a Churrain, ach tha am far-luaths ’ga èigneachadh oirnn a-rithist. Glac mi teann!
Fuaim
Gnog!
Gnog!
FrruuiS!!
Eapasod 34: Ceumnachadh Sidimi, Duilleag 10
Peabar
?!
Raidis
GLACAIBH I!!
Peabar
Obh obh.
Cròch
A Pheabar, gabh mo sguab-sa!
Fuaim
Fisss!
Peabar
A shaoghail! Mòran taing, a Chròch!
Fuaim
Poc!
FruuUUUiS!
Neach-aithris
RI LEANTAINN…
Eapasod 34: Ceumnachadh Sidimi, Duilleag 11
Urram
31ad dhen Mhàrt, 2021 Obair-ealain ⁊ sgeulachd: David Revoy. Leughadairean Beta: Arlo James Barnes, Carotte, Craig Maloney, Efrat b, GunChleoc, Karl Ove Hufthammer, Martin Disch, Nicolas Artance, Parnikkapore, Valvin. Tionndadh Gàidhlig Eadar-theangachadh: GunChleoc. Taing shònraichte: do Nartance a chuir sùil air pearsa Raidis sna nobhailean ficsean luchd-leantainn aige. Thug an dòigh a bheachdaich e oirre buaidh mhòr air mar a chuir mi an cèill i san eapasod seo. Stèidhichte air saoghal Hereva Air a chruthachadh le: David Revoy. Prìomh neach-glèidhidh: Craig Maloney. Sgrìobhadairean: Craig Maloney, Nartance, Scribblemaniac, Valvin. Ceartachadh: Willem Sonke, Moini, Hali, CGand, Alex Gryson. Bathar-bog: Krita 4.4.1, Inkscape 1.0.2 air Kubuntu Linux 20.04. Ceadachas: Creative Commons Attribution 4.0. www.peppercarrot.com
Peabar
An robh fios agad? Tha Pepper&Carrot saor is le tùs fosgailte air fad agus ’ga sponsaireadh le taic nan leughadairean. Mòran taing dhan 1096 pàtran a thug taic dhan eapasod seo!
’S urrainn dhut dol ’nad phàtran Pepper&Carrot cuideachd is chì thu d’ àinm an-seo! Tha sinn air Patreon, Tipeee, PayPal, Liberapay ...’s a bharrachd! Tadhail air www.peppercarrot.com airson barrachd fiosrachaidh!
Mòran taing!