Bann-cinn
Eapasod 35: An t-ath-shoillseachadh, Duilleag 1 Eapasod 35: An t-ath-shoillseachadh, Duilleag 1
Eapasod 35: An t-ath-shoillseachadh, Duilleag 2 Eapasod 35: An t-ath-shoillseachadh, Duilleag 2
Eapasod 35: An t-ath-shoillseachadh, Duilleag 3 Eapasod 35: An t-ath-shoillseachadh, Duilleag 3
Eapasod 35: An t-ath-shoillseachadh, Duilleag 4 Eapasod 35: An t-ath-shoillseachadh, Duilleag 4
Eapasod 35: An t-ath-shoillseachadh, Duilleag 5 Eapasod 35: An t-ath-shoillseachadh, Duilleag 5
Eapasod 35: An t-ath-shoillseachadh, Duilleag 6 Eapasod 35: An t-ath-shoillseachadh, Duilleag 6
Eapasod 35: An t-ath-shoillseachadh, Duilleag 7 Eapasod 35: An t-ath-shoillseachadh, Duilleag 7
Eapasod 35: An t-ath-shoillseachadh, Duilleag 8 Eapasod 35: An t-ath-shoillseachadh, Duilleag 8
Eapasod 35: An t-ath-shoillseachadh, Duilleag 9 Eapasod 35: An t-ath-shoillseachadh, Duilleag 9
Eapasod 35: An t-ath-shoillseachadh, Duilleag 10 Eapasod 35: An t-ath-shoillseachadh, Duilleag 10
Eapasod 35: An t-ath-shoillseachadh, Duilleag 11 Eapasod 35: An t-ath-shoillseachadh, Duilleag 11
Eapasod 35: An t-ath-shoillseachadh, Duilleag 12 Eapasod 35: An t-ath-shoillseachadh, Duilleag 12
Eapasod 35: An t-ath-shoillseachadh, Duilleag 13 Eapasod 35: An t-ath-shoillseachadh, Duilleag 13
Tar-sgrìobhadh
Tiotal
Eapasod 35: An t-ath-shoillseachadh

Duilleag 1

Peabar
Ò, dhùisg thu! ’Eil thu ceart gu leòr? Nach eil thu ro fhuar?
Tha mi duilich ach tha an Rèatha gann orm agus m’ aura ro lag airson ar dìon on fhuachd shuas san adhar.

Duilleag 2

Peabar
Tha mi gu bhith call m’ fhar-luaiths agus tha am paidhleat ’s a dràgon às ar dèidh fad uairean mòra fhathast. Glacaidh iad gun trioblaid sinn nuair a thig maille oirnn.
Abair òinseach a bh’ annam! Bha mi cinnteach nach fhada gus an leigeadh iad romhpa!
Gum faighinn cuidhteas dhiubh.
Iochd! Feumaidh sinn an cur dhinn! Mus glac iad sinn!
Ach ’s ann gu bheil mi… … glè … … sgìth …
h-OPAG! Thoir an aire, a Pheabar!

Duilleag 3

Cnò-mheannt
Chunnaic thu siud, nach fhaca?
Arra
Chunnaic. Teannaidh sinn orra a dh’aithghearr. Chan fhada gus am bi a cumhachd claoidhte.
Cnò-mheannt
Bheir sinn oirre cho luath ’s a bhios i caithte.

Duilleag 4

Fuaim
BEuM!
Peabar
GU DÈ?!
Na can ruim gun do bhris iad am balla-fuaime!
!!!
Fuaim
STRÀÀC!!!
Peabar
Grrr! Dèan grèim-bàis, a Churrain!

Duilleag 5

Peabar
DÒLAS! DÈ A-NIS?!
Ò!

Duilleag 6

Peabar
Siud uamh Loch nan Adharc!
A Churrain, siud ar cothrom!
Tha mi eòlach air an uamh ud.
Tha cumhang fada lùbach innte a ruigeas ceann a thuit ’na bhroinn. Tha cruach de dh’aol-chluigein ’na balla spìceach san roinn ud thall a thuit. ’S e ribe marbhtach a th’ innte! Tha beulag ri a taobh a tha leathann gu leòr ach am faigh sinne troimhpe ach cha stad a’ bhana-dràgon ri àm ’s bualaidh i ris a’ bhalla air astar mòr! Mùhahaha!

Duilleag 7

Peabar
Foirfe! Tha iad a’ leantainn oirnn!
Gheibh sinn cuidhteas dhiubh gun dàil.
Tha mi air bhioran! Mùhahaha!
!!!

Duilleag 8

Peabar
Fuirich ort! Dè ghabh mi ris? Murt? ’Nam bhana-bhuidseach olc?
!!!

Duilleag 9

Peabar
CHAN ANN! Cha bhithinn mar sin!
STADAIBH!!!
Fuaim
FRUuuis!
Peabar
GÈILLIDH MI!

Duilleag 10

Cnò-mheannt
Tha fhios a’d nach dèid gu math leat ma ghèilleas tu ri Maighstir Raidis, nach eil?
Peabar
Tha fhios a’m ach tha mi fhathast a’ creidsinn gun lorg mi dòigh sa bhruidhninn rithe – ach an tuigeadh i.
Aig deireadh na sgeòil, chan eil rud fon ghrèin nach gabhadh a chàradh. Dh’ionnsaich mi sin o dheagh charaid.

Duilleag 11

Peabar
Mòran taing gun dug thu cead do Churran aodach glan fhaighinn dhomh.
Cnò-mheannt
Tha tu làn di-beathte. Rinn thu ar n-obair nas fhasa dhuinn agus chan eil adhbhar nach bithinn bàidheil.
Ach fhios a’d, chuir thu Raidis mun cuairt. Tha i ag iarraidh a h-uile càil foirfe. Mhill thu sin le do shalachar, d’ aodach robach is tuiteam às an speur. Agus thug thu ionnsaigh oirre! Bidh i trom ort.
Peabar
Tha fhios a’m.
Cnò-mheannt
Co-dhiù no co-dheth, tha mi feumach air norrag. Falbhaidh sinn nuair a dhùisgeas mi. Dèan na thogras tu ach fuirich faisg oirnn…
Fuaim
Spliut
Cnò-mheannt
Abair bana-bhuidseach annasach.

Duilleag 12

Peabar
Nise, ge b’ e dè an staing no cunnart, mairidh mi dìleas dha mo nàdar. ’Nam gheall!
Neach-aithris
RI LEANTAINN…

Duilleag 13

Urram
18mh dhen Ògmhios 2021 Obair-ealain ⁊ sgeulachd: David Revoy. Leughadairean Beta: Arlo James Barnes, Craig Maloney, Karl Ove Hufthammer, Martin Disch, Nicolas Artance, Parnikkapore, Valvin. Tionndadh Gàidhlig Eadar-theangachadh: GunChleoc. Stèidhichte air saoghal Hereva Air a chruthachadh le: David Revoy. Prìomh neach-glèidhidh: Craig Maloney. Sgrìobhadairean: Craig Maloney, Nartance, Scribblemaniac, Valvin. Ceartachadh: Willem Sonke, Moini, Hali, CGand, Alex Gryson. Bathar-bog: Krita 4.4.2, Inkscape 1.1 air Kubuntu Linux 20.04 Ceadachas: Creative Commons Attribution 4.0. www.peppercarrot.com
Peabar
Mòran taing dhan 1054 pàtran a thug taic dhan eapasod seo! An robh fios agad? Tha Peabar ⁊ Curran saor is le tùs fosgailte air fad agus ’ga sponsaireadh le taic nan leughadairean.
’S urrainn dhut dol ’nad phàtran Peabar ⁊ Curran cuideachd is chì thu d’ àinm an-seo! Tadhail air www.peppercarrot.com airson barrachd fiosrachaidh! Tha sinn air Patreon, Tipeee, PayPal, Liberapay ...’s a bharrachd! Mòran taing!